Luaidh ga dhèanamh air Màrtainn Dòmhnallach

Màrtainn Dòmhnallach

Tha luaidh ga dhèanamh air an fhear-naidheachd is craoladair Màrtainn Dòmhnallach, a chaochail aig aois 78.

Tha na facail a tha daoine a' cleachdadh mu dheidhinn a' cur an cèill an duine: sàr-fhear-naidheachd, sàr-chraoladair, sàr-sgrìobhaiche agus sàr-Ghàidheal.

Rugadh Màrtainn anns an Eilean Sgitheanach ann an 1937.

Cha bheag na raointean anns an robh e an-sàs - rèidio, telebhisean, pàipearan-naidheachd, leasachadh na Gàidhlig is eile.

Bha mòran a' meas gur e a stèidhich bunaitean obair-naidheachd anns a' Ghàidhlig

Rugadh Màrtainn ann an Achadh a' Choirce anns an Eilean Sgitheanach dà bhliadhna mus do thòisich an dàrna cogadh.

Na òige, bha e airson a dhol gu muir ach cha do chòrd sin ris, agus chaidh e dhan oilthigh an Dùn Èideann.

Pàipearan-naidheachd

Thill e dhan eilean agus thòisich e a' sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd.

B' ann a' sgrìobhadh naidheachdan sa Bheurla a thòisich e an toiseach - a' cur sgeulachdan às an Eilean Sgitheanach gu pàipearan-naidheachd nàiseanta agus ionadail.

Chaidh e às an sin chun a' BhBC, far an robh e an-sàs ann am prògraman rèidio agus telebhisein.

Bha Màrtainn gu mòr an sàs anns a' chiad phrògram naidheachd telebhisein sa Ghàidhlig a bha a-riamh ann - Bonn Còmhraidh.

Thuirt Ailean Caimbeul, a bha na mhanaidsear aig a' BhBC: "Tha mi cinnteach ann an iomadach dòigh gur e seo a' chiad fhear-naidheachd a bh' againn ann an saoghal na Gàidhlig a dhearbh gu ìre mhòir gum b' urrainn dhut a bhith a' cheart cho ealanta agus cho sgileil anns an dà chànan."

Anns na h-80an bha Màrtainn greis na mhanaidsear air a' BhBC ann an Inbhir Nis.

Sgrìobhaiche

Ach b' ann mar fhear-naidheachd 's mar sgrìobhaiche a bha Màrtainn ga fhaicinn fhèin - seach mar mhanaidsear.

Thill e gu obair-naidheachd is sgrìobhadh - am measg eile a' sgrìobhadh cholbhan dhan Phàipear Bheag 's dhan Phress and Journal agus a' sgrìobhadh leithid Ceud Bliadhna do Radio nan Gàidheal.

B' e cuideachd a sgrìobh an aithisg Cor na Gàidhlig air an deach tòrr de leasachadh a' chànain bhon uair sin a stèidheachadh.

A thilleadh air a dhìleab obrach, bidh cuimhne air pearsa Mhàrtainn fhèin. Thuirt Jo NicDhòmhnaill a bha ag obair còmhla ris aig a' BhBC: "Bha an dachaigh aig Màrtainn agus Catriona nach maireann, a bhean, na dhachaigh cho aoigheil agus cho càirdeil, cho fialaidh agus cho blàth sa chitheadh duine a-riamh.

"Bha fàilte an còmhnaidh ro dhaoine anns an taigh sin."

Dìleab

Thuirt Stiùiriche BBC Scotland, Coinneach MacGuaire: "Ann an iomadach dòigh 's e Màrtainn Dòmhnallach a stèidhich agus a thug beatha do naidheachdan Gàidhlig air radio, air telebhisean agus anns na pàipearean-naidheachd.

"Thug e cruth, chuir e loinn agus cheasnaich e gu cruaidh ach gu cothromach cuspairean an latha airson an sgaoileadh chun a' mhòr-shluaigh.

"Bha fìor eòlas is tuigse aige air eachdraidh na h-Albainn, agus gu h-àraid air eachdraidh na Gàidhealtachd is na Gàidhlig.

"Bha liut shònraichte aige airson sgrìobhadh le beartas cànain nàdarrach agus bha ùghdarras na ghuth is doimhneachd na chuid aithrisean ann am Beurla agus ann an Gàidhlig.

"Bha an t-eòlas a bha aige, maille ri nàdar blàth is fosgailte ga fhàgail furasta dha dàimhean a thogail le daoine agus spèis a chosnadh am measg an luchd-èisteachd is amharc.

"Bidh ionndrainn mhòr air Màrtainn air a' Ghàidhealtachd agus am measg luchd-èisteachd is amharc phrògraman Gàidhlig. Tha ar smuaintean agus ar co-fhaireachdain a' dol gu a nighean Seònaid agus a mhac, Niall-Iain. "

Tuilleadh air an sgeulachd seo