Chaidh làraidh far an A87 anns an Eilean Sgitheanach

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh làraidh far an rathaid anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh làraidh far an rathaid air an A87 anns an Eilean Sgitheanach.

Fhuair an dràibhear a-mach às a' chab e fhèin is chaidh a thoirt dhan Ath Leathann.

Thachair an tubaist aig Druim na Cloich mu dheich mìle tuath air an Ath Leathann.

Chaidh fios a chur chun na poilis mun tubaist mu 0830 anns a' mhadainn Dimàirt, ach tha dùil gun thachair e mu uair a thìde roimhe sin.

Chan eil fhios an e an droch aimsir a dh'adhbharaich an tubaist.

Bha gaoth làidir is uisge trom ann aig an àm.