Iomairt teasairginn an Abhainn Nis

Bàta-teasairginn Cheasaig a Tuath Image copyright RNLI
Image caption Bha bàta-teasairginn Cheasaig a Tuath an sàs san iomairt gu anmoch air an oidhche.

Tha luchd-teasarginn air a bhith an sàs ann an iomairt ann an Inbhir Nis às dèidh aithrisean gun do thuit fear a-steach a dh'abhainn Nis far drochaid.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach fios a chur thuca mu 5:30f Didòmhnaich.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich agus bàta-teasairginn Cheasaig a Tuath a' feuchainn ri lorg fhaighinn air an duine gu anmoch air an oidhche.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an duine na 40an, agus gun robh aodach dorcha air.

Thuirt Poilis na h-Alba nach eil an còrr fiosrachaidh aca chun na h-ìre seo.