Ionadan Stiùiridh gan dùnadh

Poilis na h-Alba

Chaidh Poilis na h-Alba a chàineadh airson co-dhùnadh gun tèid ionad fònaichean nam Poileas ann an Inbhir Nis a dhùnadh ro dheireadh an Lùnastail am-bliadhna.

Bhon uair sin thèid na gairmean èiginn a fhreagairt ann am Baile a' Ghobhainn.

Dùinidh ionad Obar Dheathain ro dheireadh an Damhair.

Thuirt am BPA Gàidhealach Iain Finnie, gur e ceum air ais a tha seo ann an conaltradh nam Poileas.

Fiosraichte

Thuirt Poilis na h-Alba gun tèid na h-atharrachaidhean a chur an sàs ann an dòigh shàbhailte.

"Tha mise a' smaointinn gur e fìor dhroch naidheachd a tha seo dha-rìribh do mhuinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus sgìre Roinn a' Mhonaidh," thuirt Tormod MacLeòid, a bha còrr is 30 bliadhna air a' Phoileas.

"Gu seachd àraid an dèidh dhan Riaghaltas gealltainn nach tachradh seo cho luath.

"Gu seachd àraid 's iad air a bhith cho slaodach 's cho dona a' dèiligeadh ris an tubaist-rathaid anns an do chaill daoine am beatha anns an t-Iuchar an-uiridh.

"Thar iomadach bliadhna a-nise tha na Poilis air feadh an Gàidhealtachd a' faighinn stiùireadh agus taic bho sgiobaidhean anns na seòmraichean stiùiridh ann an Inbhir Nis is Obar Dheathain.

"Bha na h-oifigearan poilis agus na sìobhaltaich a th' annta uabhasach sgileil agus fiosraichte air na bha a' tachairt air feadh na Gàidhealtachd, agus eòlach air gach rathad is gach àite iomallach.

"Mar sin, cha robh iad a' cosg ùine a' faighneachd cheistean airson àite a bhreithneachadh le cinnt, agus bha iad eòlach air an astar eadar bailtean agus amannan siubhail.

"Saoilidh mise co-dhiù gur e ceum air ais a tha seo.

"Chan eil mi a' faicinn gu bheil an t-seirbheis gu bhith nas èifeachdaiche na tha e an-dràsta.

"Gu seachd àraid a bhith a' dèiligeadh ri oifisean shìos ann an Tobar na Màthar agus Dùn Dè mar eisimpleir.

"Chan eil iadsan gu bhith cho fiosraichte, 's iad cho fada air falbh bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, agus Obar Dheathain cuideachd 's Roinn a' Mhonaidh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile