Leudachadh aig Raon-goilf Bharraigh
- Air fhoillseachadh
Tha Comann Goilf Bharraigh ag amas air togalach a stèidheachadh aig an raon.
Chaidh an raon-goilf, le 9 tuill, a stèidheachadh ann an 1992.
Chan eil àite-fasgaidh ann ge-tà, agus 's fhada bho chuir iad romhpa togalach a stèidheachadh.
Tha iad a-nise ag amas air £20,000 a thogail ro thoiseach a' Mhàirt.
Brosnachadh
A bharrachd air fasgadh, tha iad a' coimhead ri seo mar dhòigh air an spòrs a bhrosnachadh san eilean.
"Tha sinn a' smaointinn gum faigh sinn barrachd dhaoine a' tighinn a-nuas nam biodh clubhouse againn", thuirt sgiobair a' Chomainn, Murchadh MacFhionghuin.
"Gheibheadh sinn clann na sgoile a' tighinn a-nuas co-dhui nam biodh clubhouse is taighean-beagan againn.
"Bliadhna no dhà air ais, bha clann a' tighinn a-nuas oidhche Mhàirt is oidhche Ardaoin.
"Bha 30 againn, ach cha robh àite aca 'son fasgadh fhaighinn.
Dòchas
"Nuair a gheibh sinn clubhouse, tha mi an dòchas gun tig iad air ais", thuirt e.
Cha deach an raon fhosgladh gu h-oifigeil a-riamh ach dh'fhaodadh gun atharraich sin ma shoirbheachas leis an iomairt.
Chuir iad fios cheanna air Sir Sean Connery ach thuirt e gun robh e ro thrang aig an àm.
Bidh muinntir Bharraigh an dòchas gum bi Sir Sean a' cluintinn bhuapa a-rithist an ceartuair.