Draghan mu ghearraidhean an Leòdhas

Airgead

'S e dragh mu chùram sheann daoine agus seirbheisean cloinne as motha a bh' air aire dhaoine aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabagh oidhche Ardaoin mu bhuidseat Chomhairle nan Eilean Siar.

Tha na th' aig a' Chomhairle ri chosg air a dhol sìos £15m anns na sia bliadhna a dh'fhalbh.

Am-bliadhna tha toll de £9.8m aca.

Rinn iad sàbhalaidhean taobh a-staigh na Comhairle a lùghdaich an t-suim sin, le bhith a' gearradh 200 dreuchd, agus thèid 83 eile a chall anns an ath-thrì bliadhna.

Òg is Aosta

Anns an ath-bhliadhna-ionmhais an dèidh sin tha a' Chomhairle a' tomhas gum faodadh gum feum iad gearraidhean luach £3.6m a dhèanamh.

An t-seachdain seo tha iad air a bhith ag èisteachd ri beachdan a' phobaill air na 31 molaidhean a th' aca airson sin a dhèanamh.

Am measg eile chaidh dragh a thogail mu phlana mìltean notaichean a shàbhaladh le bhith a' gearradh air ais air cùram tron oidhche do sheann daoine sa Choimhearsnachd.

Bheireadh a leithid buaidh air an teaghlach aig Marissa NicDhòmhnaill, 's i ag ràdh gu bheil e tàmailteach gu bheil gearraidhean tric a' toirt buaidh air an fheadhainn as fheumaiche taic.

"Tha an tè againne air an taobh siar den eilean. Tha sinne a' fuireach air an taobh sear. Agus ceithir no còig turais anns an t-seachdain tha againn ri dhol às an Rubha a Chalanais a thoirt biadh dha m' antaidh," thuirt i.

"Tha iad a-nise ag ràdh, gur dòcha, an t-seirbheis a tha i a' faighinn tron oidhche, ga cur dhan taigh-bheag, gu bheileas a' dol a ghearradh sin air falbh.

"Tha e tàmailteach, a h-uile turas a tha airgead a dhìth anns a' Chomhairle, gur e na daoine òga, agus na daoine aosta anns na coimhearsnachdan againn air a bheileas a' bualadh.

"Mura h-eil daoine deònach seasamh an-àirde air an son, chan eil e comasach dhaibh seasamh an-àirde air an son fhèin," thuirt i.

Buidseat a chothromachadh

Thuirt ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil dòchas ann air tuilleadh airgid do sheirbheisean cùraim fo sgeama ùr, ach nach eil dol às aig a' Chomhairle ach gearraidhean a dhèanamh.

Thuirt e gun dèan iad an dìcheall gum faigh daoine an cùram air a bheil iad airidh.

"Thèid tòrr den obair sin a thoirt air adhart tron cho-bhòrd, an IGB ùr, agus tha tuilleadh airgid a' tighinn troimhe an sin airson cùram seann daoine, gus airson cùram san dachaigh san fharsainneachd," thuirt Mgr Caimbeul.

"Feumaidh sinne a bhith gu math faiceallach mu na nì sinn. Feumaidh sinn aire a thoirt do mar a bhios seo a' cuideachadh dhaoine.

"Ach tha sinn a' dèanamh aig an aon àm 's a dh'fheumas sinn am buidseat a chothromachadh ron 17mh an Gearran," thuirt e.

Shàbhaileadh a' Chomhairle £350,000 le a bhith a' fastadh barrachd phàrantan altraim agus a' lùghdachadh na h-àireimh chloinne anns an dachaigh Hill Crest, a th' air a ruith le Action For Children le maoineachadh poblach.

Fhuair a' Chomhairle slaic mun mholadh a thaobh tidsearan a bhios a' siubhal eadar sgoiltean a' teagasg ciùil, ealain agus spòrs.

Cha chaill duine an obair, ach thèid an cur fo bhuidseat eile.

"'S e daoine nach eil na teisteanasan aca a bhios a' tighinn a-steach dha na sgoiltean, 's chan eil sin ceart," thuirt Màiread Anna NicLeòid, a tha a' riochdachadh phàrantan aig Sgoil nan Loch.

"Bidh iad a' dol air liostaichean solar, agus cha bhi na tidsearan leis an sònrachaidhean a' teagasg ealain agus spòrs agus ciùil.

"Bitheas an dùil gum bi iad a' toirt leasanan eile dhan chloinn," thuirt i.

Cìs na Comhairle

Tha 800 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh a' mholaidh sin.

Tha 300 ainm air ath-chuinge eile airson an t-àite-bidhe aig Leabharlann Steòrnabhaigh a chumail fosgailte.

'S e lùghdachadh sheirbheisean nach robh a' còrdadh ri daoine, agus thàinig cuid an-àirde le molaidhean airson sin a sheachnadh, leithid cafaidh an leabharlainn a thoirt do bhuidhinn phrìobhaidich, taigh-spadaidh nas lugha a bhith ann, agus fiù 's teasachadh togalach na Comhairle a thionndadh sìos leis cho teth 's a bha an seòmar.

Cha robh ùpraid ann mu mholaidhean cosgaisean parcaidh a chur suas, no barrachd a phàigheadh aig an ionad spòrs.

Tha casg an-dràsta air comhairlean na h-Alba a bhith ag àrdachadh cìs na comhairle gus barrachd airgid a thoirt dhaibh mu choinneimh a bhith a' cothromachadh am buidseatan.

Tha Aonghas Caimbeul ag ràdh gu bheil iad fhèin agus comhairlean eile a' strì gu làidir airson cur às dhan phoileasaidh sin.

"Chan urrainn dha leantainn mòran nas fhaide, agus saoilidh mi, 's dòcha an dèidh an taghaidh a th' air fàire, gum faicear dòigh eile a' tighinn air adhart a thaobh sin sna bliadhnaichean a tha romhainn.

"Mura faic sinn an t-atharrachadh sin a' tachairt, tha e gu math doirbh a bhith ri co-luadar le daoine 's a' faighneachd ciamar a dh'iarradh iad gun cleachd a' Chomhairle an t-airgead aca, mura bi cead againn faighneachd dhiubh a bheil iad deònach beagan a bharrachd a phàigheadh airson diofar sheirbheisean a chumail an àite," thuirt e.

Tha cothrom aig daoine fhathast beachdan a chur chun na Comhairle air an làrach-lìn aca, agus bidh an Ceannard, Aonghas Caimbeul, ri fhaodainn airson còmhradh air Facebook eadar 7:00f agus 8:30f oidhche Haoine.