Murtair a theich ga ghlacadh

Seumas Casey Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Seumas Casey a dhìth san Dùbhlachd.

Fhuair na Poilis grèim air Seumas Casey, a theich às a' phrìosan san Dùbhlachd an-uiridh.

Chaidh Casey, a tha 50, a chur dhan phrìosan 'son fear a bha na mhanaidsear air cluba sòisealta ann an Inbhir Ghòrdain, Iain MacBheatha, a mhurt.

Chaidh a dhìteadh ann an 1991 agus chaidh a leigeil ma sgaoil, fo chùmhnantan, ann an 2002.

Chaidh a chur air ais dhan phrìosan às dèidh beagan sheachdainnean ge-tà, airson a bhith ri mèirle le gunna ann an oifis-puist ann an Lodainn an Iar.

Chaidh binn prìosain 14 bliadhna a chur air.

Theich e bho phrìosan fhosgailte Caisteal Hunndaidh air an 10mh là den Dùbhlachd.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach a chur an grèim a-rithist ann am Manchester.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile