Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Litvinenko

Tha rannsachadh poblach mu mar a chaidh am fear-brathaidh Ruiseannach Alexander Litvinenko a mhurt air co-dhùnadh gu bheil coltas ann gun do dh'aontaich an Ceann-Suidhe Putin ris a' mhurt. Chaochaill Mgr Litvinenko às dèidh dha teatha òl ann an Lunnainn ann an 2006 a bh' air a ghànrachadh leis an stuth rèidio-beò polonium.

Marine Harvest

Tha Marine Harvest a' dol a ghearradh suas ri 100 cosnadh an Alba. Thuirt a' chompanaidh Nirribheach gur e as coireach ach nach eil iad ag àrach uimhir agus gu bheil dùil aca ri crìonadh prothaid. Tha còrr air 500 duine ag obair dhaibh ann an Alba.

Stafainn

Tha Urras an Taobh Sear ann an Stafainn ag ràdh gu bheil taic aca a dhol air adhart le moladh feuchainn ri fearann timcheall an Stòirr a cheannach no a ruith leis a' choimhearsnachd. Chuir còrr air 80% a fhreagair baileat puist air a' chùis san sgìre taic ri planaichean an Urrais. Tha dragh air a bhith ann mu phàirce chàraichean agus goireasan eile anns an sgìre.

Dùn Èideann

Thugadh fear dhan ospadal às dèidh dha a bhith air a leagail le bhana air fear de na rathaidean as trainge ann an Dùn Èideann sa mhadainn. Thachair an tubaist mu 07:00m air Rathad Queensferry. Thuirt poilis gun deach an duine, a tha 20 bliadhna de dh'aois, a leòn, ach nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Dachaigh-Cùraim

Tòisichidh obair an ath-mhìos air leasachadh luach £1m air dachaigh-cùraim ann an Ceann a' Ghiuthsaich. Thèid rudan mar siostaman teas agus dealain a sgeadachadh aig Ionad Wade. Thèid taighean-beaga an luchd-còmhnaidh a leasachadh cuideachd, cho math ri uidheamachd sàbhailteachd teine. Leanaidh obair an ionaid aig ìre nas lugha tron obair a thèid a dhèanamh ann an trì earainnean.

Al Fayed

Tha planaichean gan ullachadh airson leasachadh turasachd luach £10m air an oighreachd aig Mohammed al Fayed ann an Siorrachd Rois. Thathas airson cafaidh agus mu 40 loidse turasachd a thogail an co-bhann ris a' chompanaidh Natural Retreats. Tha dùil gun deadh mu 20 cosnadh a chruthachadh, 's gun tòisich obair an ath-bhliadhna ma 's e 's gum faigh am pròiseact cead-dealbhachaidh.

T in the Park

Chaidh barrachd ghearainnean a dhèanamh mun fhèis T in the Park an-uiridh na gin eile de na tachartasan bho thòisich e 18 bliadhna air ais. Tha sin a rèir aithisg bho chomhairle na sgìre. Chaidh an fhèis a chumail ann an Srath Ailean ann an Siorrachd Pheairt airson a' chiad uair an-uiridh, agus tha an t-ath-sgrùdadh ag ràdh gum feum rudan a chaidh ceàrr a bhith air an cur ceart mus tèid a cumail anns an sgìre a-rithist.