Misneachd mhòr mu ghnìomhachas a' Chlò
- Air fhoillseachadh

Tha Cathraiche Ùghdarras a' Chlò Mhòir, an HTA, ag ràdh gu bheil e an dòchas gur e seo a' bhliadhna as fheàrr fhathast dhan ghnìomhachas.
Tha an t-ùghdarras air a bhith a' gabhail pàirt ann am fear de na taisbeanaidhean aodaich as motha anns an t-saoghal anns an Eadailt.
Thàinig e am barr an t-seachdain seo cuideachd ge-tà, gu bheil ceist mhòr fhathast mu choinneimh Mhuileann Chàrlabhaigh 's am fear leis a bheil i ag ràdh gun dùin e i, mura tèid aige air a reic.
Tha a' mhuileann sin a' cumail cosnaidh ri 27 duine.
Tha Cathraiche an HTA, Tormod L. Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil e a' faireachdainn gu math duilich dhan luchd-obrach, mura faighear cuideigin a thig a-steach airson a ceannach.
Tha e a' dèanamh dheth ge-tà, nach toireadh dùnadh na muilne cus buaidh air a' ghnìomhachas anns an fharsaingeachd.
Tha e ag ràdh gur e 2015 a' bhliadhna a b' fheàrr a bh' aca bho chionn 15 bliadhna, agus gur ann nas fheàrr buileach a tha cùisean a' coimhead am-bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 Am Faoilleach 2016
- 15 Am Faoilleach 2016