Macrae and Dick air a reic

Macrae & Dick, Peairt Image copyright Macrae & Dick

Chaidh companaidh chàraichean a th' air a meas mar an tè as sine san dùthaich a reic.

Tha a' chompanaidh Parks of Hamilton air Macrae and Dick, stèidhichte ann an Inbhir Nis, a cheannach.

Chaidh a stèidheachadh ann an 1888.

Aig toiseach na 20mh Linne ghluais iad gu bhith a' reic chàraichean, agus an-diugh tha grunn bhùithdean aig a' chompanaidh teaghlaich ann an Eilginn, Peairt, Sruighlea agus Obar Dheathain a' dèiligeadh ri càraichean Mazda, Landrover, Ford agus Jaguar.

Tha a' chompanaidh Park's of Hamilton a-nis air Macrae and Dick a cheannach, a' cur ris na bùithdean chàraichean eile a th' aca air feadh na Galltachd.