Tubaist mhairbhteach air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha fireannach air bàsachadh an dèidh tubaiste san robh trì charbadan an sàs air an A832, tuath air Inbhir Nis.
Thachair an tubaist goirid an dèidh 5:30f oidhche Mhàirt, eadar cearcall-rathaid an Todhair agus am Blàr Dubh.
Thathas a' tuigsinn gun robh an duine a bhàsaich sna 30an aige, agus gun robh e a' dràibheadh Mazda 6 ghuirm.
Thugadh fireannach eile, a bha a' dràibheadh Volkswagen Golf agus a tha na 40an, a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's e air a dhroch ghoirteachadh.
Bha Toyota Hilux geal cuideachd an sàs san tubaist, ach cha deach duine eile a ghoirteachadh.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist a bhruidhinn riutha.