Òigridh eileanach "gun dachaigh"

Daoine gun dachaigh

Tha aithisg bho Bhuidhinn-sgrùdaidh a' Chùraim ag ràdh gu bheil barrachd òigridh, a bha fo chùram nan seirbheisean sòisealta, buailteach a bhith gun dachaigh air sgàth dìth co-obrachaidh eadar na diofar ùghdarrasan.

Fhuair iad, ged a tha piseach a' tighinn air seirbheisean cùraim do dh'òigridh, gu bheil fhathast ìrean foghlaim agus slàinte nas ìsle aig daoine òga a bha fo chùram nan seirbheisean sòisealta, an taca ri feadhainn bho theaghlaichean eile.

Rinn an aithisg moladh air luchd-obrach na seirbheis, agus chaidh ceithir a-mach às na naoi roinnean ris an deach coimhead a mheasadh "math".

Bha trì dhiubh "math gu leòr" agus na dhà eile "làg".

Fhuair iad ge-tà, gun robh ìrean foghlaim agus slàinte nas ìsle a' fàgail òigridh ann am barrachd chunnart a bhith gun dachaigh.

Chaidh atharrachadh a thoirt bho chionn bliadhna air a' chùram a bha ga thoirt do dhaoine òga anns na h-Eileanan Siar a bha a' tighinn gu aois.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile