Tuath-gaoithe ga dhiùltadh

Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis
Image caption Chaidh cead a thoirt do dh'iarrtas Urras Aonad Hercules airson trì àitean-bìdhe - Frankie and Benny's, TGI Fridays agus Nandos - a thogail anns a' phàirce bhùithdean air taobh sear a' bhaile.

Dhiùlt comhairlichean Gàidhealach cead a thoirt do thuath-ghaoithe air Mòinteach Damh-Àth.

Bha sin am measg grunn iarrtasan-dealbhachaidh ris an deach coimhead Dimàirt.

Chaidh cead a thoirt do dh'iarrtas Urras Aonad Hercules airson trì àitean-bìdhe - Frankie and Benny's, TGI Fridays agus Nandos - a thogail anns a' phàirce bhùithdean air taobh sear a' bhaile.

Bha seo a dh'aindeoin dragh gum faodadh an leasachadh cron a dhèanamh air gnìomhachasan ann am meadhan a' bhaile.

Fhuair a' chompanaidh togail Tulloch cead airson 60 taigh a thogail air làrach an t-seann amair-snàimh air Sràid a' Ghlìob.

Chaidh gabhail cuideachd ri plana gus flataichean ùra a thogail do dh'oileanaich air Sràid an Ròsaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile