Iomagain mu nàiseantachd is a' Ghàidhlig

Gàidhlig san referendum

Tha iomagain a' nochdadh mun dòigh sa bheil cuid a' feuchainn ris a' Ghàidhlig a cheangal ri nàiseantachd ann an Alba.

Dh'èirich a' cheist às ùr an dèidh do BhPA Tòraidheach fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' putadh na Gàidhlig air adhart air sgàth nàiseantachd.

Tha luchd-taic na Gàidhlig ag ràdh nach eil sin idir fìor, oir 's iad na Tòraidhean agus na Làbaraich a thug a-steach na laghan fo bheil an cànan ga leasachadh an-dràsta.

B' e am ball Tòraidheach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alex Johnstone, a chuir an ceòl air feadh an fìdhle nuair a thuirt e gur e "patriotic obsession" a bh' anns a' chànan dhan SNP.

"Craicte"

Tha Alasdair Crow am measg na th' air sgrìobhadh gu Mgr Johnstone a ghearain.

Tha esan an-dràsta a' fuireach ann an Reykjavik an Innis Tìle, ach tha iomagain air, mar a th' air gu leòr eile, gun tèid taic ioma-phàrtaidheach na Gàidhlig à sealladh.

"Tha an eagal sin air a bhith orm o chionn bhliadhnaichean a-nis," thuirt Mgr Crow.

"Nuair a bha mi an Alba, bha na beachdan sin aig tòrr dhaoine, 's bha iad an-còmhnaidh ag ràdh "tha an SNP a' cosg £26m air soidhnichean dà-chànanach", no "tha iad a' cosg £5m air sgoil air choireigin" is mar sin air adhart.

"Chan eil na rudan sin idir fìor. Tha na figearan ceàrr, agus chan eil an ceangal sin ann eadar an SNP agus a' Ghàidhlig.

"Tha an ceangal sin eadar Riaghaltas na h-Alba, agus mar a chuir mi anns na litir, chan eil e a' dèanamh diofair dè am pàrtaidh a bhiodh a' riaghladh, bhiodh an dleastanas dhan Ghàidhlig orra.

"Tha sin air sgàth 's gu bheil Achd na Gàidhlig ann, agus chuir gach pàrtaidh taic ris an achd a bha sin còrr is deich bliadhna air ais.

"Bha iad a' comharrachadh an achd sin anns a' Phàrlamaid an-uiridh, agus bha daoine o gach pàrtaidh a' bruidhinn a-mach mu cho math 's a bha e, cho soirbheachail 's cho taiceil 's a bha iad dhan achd.

An SNP

"Ach a-nis tha sinn a' faicinn nam beachdan sin anns na pàipearan-naidheachd - is tha iad ann cha-mhòr gach seachdain.

"'S e na a tha a' dèanamh an t-suidheachaidh seo cho dìreach craicte dhomhsa, gur e am Pàrtaidh Tòraidheach an toiseach a chuir taic ris a' Ghàidhlig, agus a tha fhathast a' cur taic ris a' Ghàidhlig, agus anns na manifestothan aca gach turas tha iad ag ràdh gum bi iad a' cumail taic ris a' chànan gach bliadhna, 's gum fàs i ann an Alba.

"Tha na beachdan aige gu tur an aghaidh na tha am pàrtaidh aige fhèin a' feuchainn ri dhèanamh," thuirt e.

'S tha Mgr Crow a' dol fiù 's nas fhaide. Ged is e fear-taic dhan SNP a th' ann fhèin, tha e ag ràdh gur e an SNP am pàrtaidh as laige de phàrtaidhean na h-Alba a thaobh na Gàidhlig, air sgàth 's gu bheil eagal orra gun tarraing i na dearbh chasaidean a tha Mgr Johnstone a' cur orra.

"Tha e gu h-àraidh fìor airson an SNP, agus mar a chunnaic sinn anns an reifreann air neo-eisimeileachd bha iad gu tur an aghaidh Gàidhlig a chur air a' bhaileat, agus anns na craolaidhean taghaidh aca chan ann tric a bhios iad a' cleachdadh na Gàidhlig no a' sealltainn Gàidhlig aig na co-labhairtean aca, no anns na manifestothan.

"Ged a tha na pàrtaidhean eile a' cleachdadh a' chànain.

"Tha na Làbaraich a' cleachdadh na Gàidhlig aig na co-labhairtean aca, anns na craolaidhean taghaidh aca agus anns na bileagan aca.

"Tha cuideachd na Lib-Deamaich air Ghàidhealtachd, agus am Pàrtaidh Tòraidheach," thuirt e.