Leasachadh an A9 "ro shlaodach"

An obair a' tòiseachadh

Tha ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Màiri Scanlon, ag ràdh gu bheil leasachadh an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a' toirt ro fhada.

Gheall Riaghaltas na h-Alba an rathad a dhèanamh dà-fhillte ro 2025, aig cosgais de £3bn.

Thòisich obair air a' chiad earrann den phròiseact, eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh anns an t-Sultain a chaidh.

Tha Màiri Scanlon ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas clàr-ama mionaideach fhoillseachadh airson a' chòrr den phròiseact.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad an dùil gun tèid an obair a chrìochnachadh taobh a-staigh na h-ùine a chuir iad romhpa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile