Fear-caidheige ga shireadh

Heileacoptair

Chaidh rabhadh a thoirt do dhuine a tha ga shireadh sa mhuir faisg air Àrasaig gun a dhol a-mach sa chaidheig aige anns an aimsir a bh' ann, a rèir Buidhne na Mara 's nam Maor-Cladaich.

Chuir an duine, a tha sna 30an aige, gu muir sa chaidheig aige on Tràigh ann an Àrasaig Diciadain, agus cha do thill e chun a' chàr aige.

Chaidh iomairt teasairginn a cur air dòigh, a chaidh a stad nas fhaide den là, mus do thòisich i a-rithist madainn Diardaoin.

Chuireadh heileacoptair nam Maor-Cladaich, oifigearan Maoir-Chladaich à Malaig agus on t-Sàilean ann am Muile, agus coin-sgrùdaidh nam Poileas an sàs san iomairt oidhche Chiadain.

Thuirt Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh gun do dh'iarr oifigear poilis air an duine gun a dhol a-mach.

"Na bhall de sgioba bhàta-teasairginn, bha fhios aig an fhear-phoilis cò ris a bha a' mhuir coltach," thuirt labhraiche nam Maor-Cladaich.

"Ged a bha a' mhuir na tàmh, bha sgalan-gaoithe nan trioblaid.

"Nuair a thill an t-oifigear chunnaic e gun robh am fear air falbh sa chaidheig aige. Bha an càr aige fhathast ann sa mhadainn. Gu nàdarra, tha dragh oirnn."