Ath-nuadhachadh a thaobh cur a mach na loidhne

Na Sailm

Tha fear a tha gu bhith a' ruith bhùithdean-obrach ann an sailm Ghàidhlig an dòchas gu bheil ath-nuadhachadh air fàire airson a bhith a' cur a mach na loidhne.

Bidh Calum Màrtainn a' ruith sreath de bhùithdean-obrach air feadh na dùthcha, a' toiseachadh ann an Dùn Èideann.

Tha e coltach gu bheil mòran air uidh a nochdadh sa ghnothach, a thuilleadh air buill na h-eaglaise.

Bidh a' chiad bhùth-obrach aig Eaglais nam Manach Liath sa phrìomh bhaile an ath-sheachdain.

Thuirt Mgr Màrtainn gun robh e air a bhith a' beachdachadh greis air a leithid.

Tha e an dòchas tadhal air bailtean mòra na dùthcha an toiseach, 's e an dùil bùithdean-obrach a ruith ann an Glaschu agus Inbhir Nis a thuilleadh air Dùn Èideann.

"Onarach"

"Feumaidh sinn a bhith onarach mun t-suidheachadh. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil an òigridh, gun fheàrr leotha a bhith a' dol chun na Beurla," thuirt Mgr Màrtainn.

Tha Mgr Màrtainn ag ràdh ge-tà, gu bheil ùidh aig daoine, gu h-àraidh air taobh a-muigh na h-eaglaise sa chleachdadh.

"Tha miann agam nam chridhe gun toirinn cuideachadh do dhuine sam bith a tha ag iarraidh seo ionnsachadh."

"Bidh a' bhùth-obrach fosgailte airson fuinn ùra ionnsachadh, dòcha cuid de na fuinn ùra, agus beagan eachdraidh cuideachd."

Thèid a' chiad bhùth-obrach aig Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann air an 19mh den Fhaoilleach aig 7:30f.