Beachdan gun obraicheadh PSO

Plèana
Image caption Bidh Loganair a' ruith sheirbheisean às leth na companaidh Flybe.

Chan eil adhbhar nach obraicheadh cùmhnantan poblach, PSO, air slighean adhair eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr-Mòr.

Sin beachd dithis a bha a' moladh an leithid bho chionn còrr is deich bliadhna mar dhòigh air seirbheis chinnteach agus faraidhean reusanta a thoirt do luchd-siubhail.

Tha mòran a' gearain mun t-seirbheis a tha Loganair a' toirt seachad agus bidh sin air a' chlàr-ghnothaich aig Fòram Còmhdhail a tha a' coinneachadh 'son a' chiad uair an t-seachdain seo fo bhratach Ar n-Eileanan Ri Teachd.

Tha e ag amas air tuilleadh smachd a thoirt do chomhairlean eileanach air còmhdhail.

Smachd

Tha an t-eòlaiche, Laurie Price, a dh'ullaich aithisg do HiTrans ann an 2004, a' moladh òrdughan PSO air na slighean adhair air fad.

"Bu mhath leam smaointinn, ma tha beagan lèirsinn aig daoine mun bhòrd sin, a tha dha-rìribh a' dol a ràdh, chan e "tha sinn riamh air a dhèanamh an dòigh seo, 's cumaidh sinn oirnn" ach "fan tiotan. Stadamaid, smaoinicheamaid taobh a-muigh a' bhogsa," thuirt Mgr Price.

"Ann an saoghal ceart, tha coimhearsnachd againn a dh'fheumas còmhdhail, rathad sam bith, ris a' mheadhan.

"'S e am meadhan gach cuid a' Ghalltachd, àiteachan leithid Inbhir Nis, ach cuideachd an saoghal.

"Ciamar as fheàrr a ghabhas sin dèanamh?

"Feumaidh, chan e a-mhàin barrachd smachd a thoirt dha sin, ach tha smachd a' ciallachadh barrachd uallaich airson a' bhuidseit, agus cuideachd barrachd "fhiaclan".

"Ann am faclan eile, stèidhichidh sibh inbhe sheirbheis, gu h-àraid far a bheil òrdughan PSO an sàs, agus airgead poblach, stèidhichidh tu na tha fa-near dhut, agus an lùib sin tha targaidean lìbhrigidh.

"Mura tèid iad sin a choileanadh, bidh smachd-bhannan ann," thuirt e.

Briseadh-dùil

Bha Murchadh Moireach na Stiùiriche air Roinn nan Seirbheisean Teicnigeach aig Comhairle nan Eilean Siar nuair a chaidh an aithisg a' moladh PSO fhoillseachadh.

Ghabh comhairlichean ris, ach b' e fìor bhriseadh-dùil a bh' ann dha nach do ghabh Riaghaltas na h-Alba ris.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh an Riaghaltas ga fhaicinn mar rudeigin "risky", thuirt Mgr Moireach.

"Ged a tha na h-aithisgean a' tighinn a-mach 's ag ràdh gum biodh e eadar £12m is £20m airson airson na slighean air fad a chur a-mach gu PSO, bhiodh iomagain orra gum faodadh sin a dhol suas.

"Bha e ann an dòigh na b' fhasa dhaibh ionmhas a chur a dh'aon taobh agus cantainn "tha sinn a' dol a dhèanamh sgeama far a bheil lasachadh gu bhith air a thoirt dha eileanaich agus siud an àireamh, agus gheibh sinn air cumail ris an àireimh.

"Sin mar a thòisich an ADS (Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair) agus chan eil teagamh sam bith tha e air a bhith buanachdail.

"Ach 's e an duilgheadas a bhios mise a' faicinn leis, 's e gur e ceudad a th' ann - ach ceudad de dè?

Bochdainn

"Mar a bha am PSO ag obair bha "framework" agad, bha na faraidhean air an cur sìos, gheibheadh tu air sin obrachadh a-mach 's bha na companaidhean adhair an uair sin, bha fhios acasan dè na faraidhean 's gheibheadh iad air obrachadh a-mach bhuaithe sin dè mar a bha na cosgaisean acasan a' dol a dh'obrachadh.

"Mar a tha seo an-dràsta, 's e ceudad a th' ann de lasachadh, ach dh'fhaodadh àireamh an "top line" a dhol suas is chan eil fhios aig duine dè an topline a th' ann, agus a-rithist "ceudad de dè?" 'S e sin an duilgheadas.

"'S e a th' ann ach rud a tha an Roinn Eòrpa air a chur an sàs. Tha dall orra san Fhraing, sa Ghearmailt 's ann na caochladh àiteachan air feadh na Roinn Eòrpa.

"Agus tha mi a' smaointinn gur e, ann an dòigh, bochdainn a th' ann nach deach leis.

"Ach chan eil sin ri ràdh nach fhaodadh sùil eile a thoirt air.

"Bhiodh buanachdan air leth ann tha mi a' smaoineachadh dhan mhòr-shluagh, agus dha turasachd, dha brosnachadh eaconamach anns na h-Eileanan," thuirt e.