Bàt'-aiseig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-chinnt chlàr-ama 'toirt buaidh'

8 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a' mhì-chinnt mu chlàr-ama an t-Samhraidh eadar Malaig is Armadal air cron a dhèanamh air gnìomhachasan Shlèite mar thà, a-rèir Fòram Còmhdhail na sgìre.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air clàran-ama Samhraidh fhoillseachadh airson nan slighean aiseig aca gu lèir, ach a-mhàin airson seirbheis Shlèite.

Tha am foram cuideachd air cur an aghaidh atharrachaidh a bhiodh a' ciallachadh nach biodh an Coir'-uisg a' frithealadh na slighe tuilleadh.