Dragh mu sheirbheisean rèile

Trèana ScotRail

Chaidh càineadh a dhèanamh air an t-seirbheis rèile eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba.

Tha am BPA Gàidhealach Làbarach, Dàibhidh Stiubhart, ag ràdh nach eil an t-seirbheis a' dèanamh adhartais gu leòr.

Bha e a' bruidhinn às dèidh do Riaghaltas na h-Alba figearan ùra fhoillseachadh.

Thuirt ministearan gun robh cuid de thursan eadar a' Ghàidhealtachd is meadhan na h-Alba a-nise 18 mionaidean nas luaithe na bha iad ann an 2012.

Thuirt Mgr Stiùbhairt ge-tà, gu bheil na figearan a' sealltainn gun robh glè bheag de dhiofar ann air cuid mhath de sheirbheisean.

Seilcheag

Tha e ag ràdh gur e seirbheis nan seilchagan a tha seo.

Thuirt Mgr Stiùbhairt gur e ceum air adhart a bh' ann gun deach dà thrèana a bharrachd a chur air an loidhne eadar Inbhir Nis is deas.

Dh'iarr e ge-tà, gun cosg Riaghaltas na h-Alba bharrachd air an loidhne fhèin a leasachadh.

Tha an loidhne an-dràsta dùinte às dèidh Stoirm Frank is busaichean a' dol an àite nan trèanaichean.

Tha dùil gum fosgail an loidhne às ùr Diluain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile