A83 fosgailte

Air fhoillseachadh

Chaidh an A83 fhosgladh às ùr aig an Rest and Be Thankful.

Chaidh creag mhòr air a' bheinn os cionn an rathaid a spreadhadh às a cèile Diciadain.

Bha dragh ann gun tigeadh a' chreig a-nuas air an rathad.

Rinneadh sgrùdadh air a' chreig sa mhadainn is chaidh co-dhùnadh gun robh an rathad a-nise sàbhailte.

Tha an rathad fosgailte ach le solais trafaig air.