Dòchas dha ionadan-sgithidh

Raon Nibheis Image copyright Steven McKenna

Tha dòchas ann gum fosgail ionadan-sgithidh na h-Alba an t-seachdain seo agus dùil gu bheil sneachda air fàire.

Cha robh an Dùbhlachd ro mhath dhan ghnìomhachas.

'S iad Raointean Nibheis faisg air a' Ghearasdan agus an Leac ann an Siorrachd Obar Dheathainn a-mhàin a bha fosgailte 'son treis.

B' e bristeadh-dùil a bha sin an taca ri an-uiridh nuair a dh'fhosgail na còig ionadan sgithidh ann an Alba ron Nollaig.

Annas

Tha riochdairean a' ghnìomhachais ag ràdh ge-tà, gur e annas a bha sin seach an àbhaist.

Thuirt Heather Negus bhon bhuidhinn Ski Scotland nach robh mòran sgithidh ann ron Nollaig ann an 2009/10, a' bhliadhna a bu shoirbhicheile ann an greis mhòr.

Tha dùil ri sneachda aig deireadh na seachdain seo is tha na h-ionadan an dòchas gun tèid aca air fosgladh.

Bha seusan 2014/15 fìor shoirbheachail dhan ghnìomhachas is cuid fhathast air na slèibhtean sa Chèitean.