BBC Naidheachdan

Creag ga sgoltadh aig an Rest

Published
Thèid stuth spreadhaidh a chleachdadh Diciadain gus creag mhòr os cionn an A83 a ghluasad.
Chaidh an rathad a dhùnadh faisg air an Rest and Be Thankful Diluain.
Tha iomagain ann gun tig a' chreag, anns a bheil 150 tunna de chuideam a-nuas air an rathad.
'S ann mu 175 meatar os cionn an rathaid a tha i.
Chuireadh acairean an sàs mar thà timcheall air a' chreig mar dheasachadh air an obair spreadhaidh.

Gu sgiobalta

Thathas an dòchas gum fosgail an rathad a-rithist gu sgiobalta nuair a tha a' chreag air a gluasad.
Tha an t-slighe èiginn tro Ghleann a' Chrò an-dràsta fosgailte tron là.
Bha an A83 dùinte aig an Rest 'son treis an t-seachdain seo chaidh cuideachd às dèidh maoime-slèibhe.
'S iomadh turas a thachair e thar nam bliadhnaichean, rud a tha a' cur maill mhòir air muinntir an sgìre.
"Tha e a' toirt buaidh mhòir air a' bhaile", thuirt Iain MacAsgaill bho Chomhairle Coimhearsnachd Inbhir Aora.

Barrachd

"Tha aig muinntir nam busaichean dràibhearan a bharrachd a chur air airson nan slighean a bharrachd, agus na làraidhean, tha e a' toirt buaidh orrasan.
"Cuideachd, chan eil uiread de dhaoine a' stad sa bhaile nuair a bhios an rathad dùinte", thuirt e.
A rèir Mhgr MhicAsgaill, tha fios aig muinntir na sgìre nach eil fuasgladh furasta ann dhan t-suidheachadh.
"Bu chaomh leam a chantainn gun tigeadh iad an-àirde le rudeigin a-màireach ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' dol a thachairt.
"Tha iad a' feuchainn gach bliadhna", thuirt e.