Mairbh thubaistean curaich gan ainmeachadh

Chaidh dithis fhireannach a bhàsaich ann an tubaistean air aibhnichean sa cheann a tuath ainmeachadh.

Bhàsaich Laurence MacEanraig, a bha 54 agus a bhuineadh de Shiorrachd Obar Dheathain, ann an Uisge Èireann air an t-seachdain seo chaidh.

Bha e a' cleachdadh caidheige faisg air pàirt den abhainn ris an canar Creag an Ailbhein mu dheich mìle gu deas air Farrais.

Chaidh cuideachd fireannach eile a bhàsaich ann an tubaist curaich air Abhainn Gharradh air Là na Callainne ainmeachadh.

Bhuineadh Petrus Janse Van Rensburg, a bha 36, do Bhuckinghamshire ann an Sasainn.

Bhàsaich e ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis an dèidh dha fhèin agus fireannach eile aois 18, a dhol an duilgheadas faisg air Inbhir Gharradh.

Chaidh am fear a b' òige den dithis a leigeil dhachaigh on ospadal.