Call air companaidh bhradain

Bradan Image copyright Thinkstock

Chlàr companaidh bhradain a tha stèidhichte air Ghàidhealtachd call malairt anns a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh.

Tha an Edinburgh Salmon Company stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain, agus tha iad air call £407,114 a chlàradh suas chun a' Mhàirt 2015.

Sa bhliadhna ron a sin, rinn iad prothaid còrr air £1.1m.

Tha aithisg ro-innleachdail na companaidh ag ràdh gun robh cùisean doirbh dhaibh thar na bliadhna. Ach tha na cunntasan as ùire aca a' sealltainn gun do phàigh iad duais-earrainnean £1.5m don luchd-earrainn aca.

'S ann le Mer invest SA, a tha stèidhichte san Fhraing, a tha a' chompanaidh. Tha a' chompanaidh Fhraingeach sin le companaidh eile a tha stèidhichte ann an Thailand.

Tha 219 duine a' faighinn cosnaidh aig a' chompanaidh an Alba.