Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean is Stoirm

Tha mìltean dhaoine eadar Alba, Èirinn a Tuath agus ceann a tuath Shasainn a' tomhas na chaidh a dhèanamh de mhilleadh orra an dèidh stoirme agus thuiltean air an dà là mu dheireadh. Tha trì mìle dachaigh is gnìomhachas an Alba agus ann an ceann a tuath Shasainn fhathast gun dealan. Tha maill mhòr air seirbheisean trèana eadar ceann an iar-thuath Shasainn agus Alba le milleadh a rinn tuil air an rèile. Chan eil trèanaichean a' siubhail idir air prìomh loidhne a' chosta an iar eadar Cathair Luail agus Glaschu. Chaidh iarraidh air luchd-siubhail loidhne a' chosta an ear a chleachdadh. Tha tuil air an rèile tuath air Peairt a' toirt buaidh air seirbheisean eadar Inbhir Nis, Glaschu 's Dùn Èideann. Chan eil trèanaichean a' siubhail idir eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse leis gu bheil an loidhne dùinte beagan an iar air Gairbh. Thuirt Scotrail gum bi Disathairne ann air a' char as tràithe mus fhosgail an loidhne sin a-rithist.

Cultar nam Bancaichean

Chuir Ùghdarras Modh an Ionmhais, an FCA às dhan phlana airson sgrùdadh air cultar agus dòighean-obrach nam bancaichean. Bha a' bhuidheann riaghlaidh am beachd rannsachadh a dhèanamh air an e tuarastal, àrdachadh dreuchd agus buannachdan eile a bu choireach ri droch chleachdadh anns a' ghnìomhachas. Thuirt an FCA gu bheil iad a-niste am beachd bruidhinn ri bancaichean fa-leth, seach rannsachadh farsainn a dhèanamh.

Urraman na Bànrighinn

Tha na Làbaraich ag ràdh gur e cùis-nàire a th' ann gun deach urram rìdire a bhuileachadh, ann nan Liosta na Bliadhna Ùire, air Lynton Crosby, a bha os cionn strataididh an taghaidh aig na Tòraidhean. Thuirt Rùnaire Dùthcha nan Làbarach, Andy Burnham, gu bheil a leithid a' dèanamh dìmeas air siostam nan urraman. Chaidh rìdire a dhèanamh cuideachd de dh'Ed Davy, a bha na bhall Lib-Deamach anns a' chaibineat, agus chaidh ban-uasal a dhèanamh de dh'Àrd-Chuip nan Làbarach, Rosie Winterton.

Tha na h-uimhir de dhaoine far Ghàidhealtachd agus às na h-Eileanan cuideachd a' faighinn urraim air Liosta na Bliadhna Ùire. Chaidh inbhe mar Chomandair Òrdugh Bhictoria (CVO) a thoirt do Mhorair-Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan an Iar, Sandaidh MacMhathain. Fhuair Seumas Dunbar às Inbhir Nis, a stèidhich agus a tha na àrd-oifigear air New Start na Gàidhealtachd OBE, còmhla ris na Oll. Urr. Coinneach Ros às an Òban airson seirbheis dhan choimhearsnachd ann am Malàbhaidh.

Chaidh bonn BEM a thoirt do Chalina NicDhòmhnaill à Càrbost airson seirbheis do ghnothachas agus obair-àiteachais anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse.