Cuirmean na Callainne

Cleasan-teine Image copyright Getty Images

Tha dùil ri sluagh mòr aig Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis airson Oidhche Challainn a chomharrachadh.

Bidh Capercaillie am measg na bhios a' nochdadh aig an 'Red Hot Highland Fling', a thuilleadh air Breabach agus Skerryvore.

Tha a' chuirm a' toirt gu ceann Fèis a' Gheamhraidh ann an Inbhir Nis.

'S e Craig Hill a-rithist a bhios na Fhear an Taighe.

Bidh e an asgaidh a dhol ann, ach tha na Poilis a' cur ann an cuimhne dhaoine gur e cuirm teaghlaich a tha seo, far nach bu chòir dhaibh cus òl.

Bidh ciurmean is cèilidheaan gu leòr a' dol air feadh na dùthcha, agus mar as àbhaist, bidh na mìltean mòra a' cruinneachadh ann an Dùn Èideann.

Chan eil ticeadan air fhàgail a-niste 'son na ciurme ann an Gàraidhean Sràid a' Phrionnsa, far am bi Biffy Clyro a' cluiche, ach tha airson a' phàrtaidh sràide.