Cabhag ga h-iarraidh mu Rathad an t-Sròim

Obair air a' chreig os cionn an rathaid

Thog BPA na Gàidhealtachd agus nan Eilean draghan mu cho fada 's a tha e a' toirt co-dhùnadh a ruighinn mu na bu chòir tachairt le seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois.

Tha Rhoda Ghrannd ag ràdh gu bheil còmhraidhean air a bhith a' dol fad bhliadhnaichean, ged nach eil fuasgladh air fàire san aithghearrachd.

Thathas an-dràsta a' dèanamh measadh air naoi roghainnean a thaobh slighe a thaghadh.

Thuirt Rhoda Ghrannd gu bheil cunnart ann gum bi fìor droch bhuaidh ann mura tèid rudeigin a dhèanamh mu a dheidhinn ann an ùine gun a bhith fada.

"Tha na h-uimhir de mhaoimtean-slèibhe air a bhith ann air Seach-Rathad an t-Sròim thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, a' fàgail gun deach an rathad a dhùnadh rè-ùine gu tric, 's a' toirt air daoine seach-shlighe 140 mìle a ghabhail," thuirt i.

"'S iomadh seòrsa sgrùdaidh a rinneadh air mar a b' fheàrr a ghabhadh dèiligeadh ris an trioblaid mhòir a tha seo.

"Biomaid an da-rìribh, a thuilleadh air an luchd-obrach a bhios a' siubhail air an rathad seo, tha cuideachd a' chlann-sgoile a tha gan giùlain air a h-uile là à Loch Carrann agus nas fhaide.

"Tha dragh mòr orm, mura cuir sinn plana an àite airson an rathad a leasachadh no a ghluasdad, gun lean an rathad a bhith na dhroch-thubaist a tha an còmhnaidh air fàire."