Dealan a' ruith tron loidhne dealain ùir

Crann-dealain
Image caption Bha an sgeama gu math connspaideach

Tha dealan a-nis a' ruith tron loidhne dealain ùir eadar a' Mhanachainn agus Denny.

Bha an fheadhainn air cùl an sgeama ag ràdh gu robh an loidhne riatanach airson cumhachd a dheadh a chruthachadh le tuathan-gaoithe anns a' cheann a tuath a thoirt gu deas - ach bha mòran mì-thoilichte mu na chosg an sgeama agus a' bhuaidh a bhiodh aig na cruinn air coltas an àite.

Tha an loidhne a' ruith fad 137 mìle agus thugar còrr air còig bliadhna ga togail.

Chaidh 615 cruinn a chuir suas, ach tha cuid dhiubh sin nas àirde na an fheadhainn a bh' ann romhpa.

Chaidh 20,000 gearan a chuir a-steach le daoine a bha an aghaidh a' phròiseict.

Thuirt riaghladair a' ghnìomhachais, OFGEM, gun do chosg an obair togail còrr air £820m.

Tuilleadh air an sgeulachd seo