Nurs a leig às naoidhean a' call cead obrach

Thèid nurs cloinne a leig às naoidhean ceann fodha air cabhsair 's i air mhisg, a chur far chlàr nan nursaichean.

Bha Rachel Lynn, air an robh an sloinne Nic an t-Saoir aig an àm, air là dheth nuair a thachair e.

Bha i air a bhith a' cumail a' phàiste le adhbrannan thar a guailne.

Cho-dhùin Comhairle nan Nursaichean 's nam Mnathan-glùine, an dèidh èisteachd, gum bu chòir dhi cead obrach a chall.

Tha 28 làithean aig Ms Lynn airson ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin.

Chan eil cead aice obrachadh mar nurs fhad 's a tha nì i co-dhùnadh mu ath-thagradh.

Thuirt am panal gun robh a comas obrachaidh "air a mhilleadh".

Chaidh an èisteachd a chumail an dèidh mar a chaidh Ms Lynn a dhiteadh san Fhaoilleach am-bliadhna de bhith a' mì-làimhseachadh a' phàiste 's i fo bhuaidh na dibhe, agus de bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe anns an Ògmhios 2014.

Chaidh òrdachadh oirre gun dèan i 150 uair de thìde de sheirbheis choimhearsnachd an dèidh na tubaiste leis a' phàsite, a bha ceithir mìosan de dh'aois aig an àm, a thachair air Slighe Labhair ann an Inbhir Nis air an 16mh là den Ògmhios 2014.

Chuala Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis gun d' fhuair an naoidhean thairis air na thachair gu tur, an dèidh dha sgàineadh fhulaing na chlaigeann.