Cead ga dhiùltadh do thuath-ghaoithe

Crann-gaoithe Image copyright Thinkstock

Bhòt comhairlichean air Ghàidhealtachd gun cead-dealbhachaidh a thoirt do thuath-ghaoithe sam biodh 13 crainn aig Coilleachaidh, faisg air Màm Choire Ghearraig.

Thuirt a' chompanaidh leasachaidh, RES, gur e briseadh dùil a bh' ann, agus iad ag ràdh gun robh an obair an lùib a bhith a' togail an tuath-ghaoithe air £3.6m a chur ri eaconamaidh na sgìre.

Bidh mòran luchd-coiseachd a' cleachdadh a' mhàim, a chaidh a chleachdadh le feachdan gach taobh ann an cogaidhean nan Seumasach.

Bha Comhairle Sreap na h-Alba am measg na chuir an aghaidh nam planaichean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo