Stèisean do Phort-adhair Inbhir Nis an 2017?

Trèanaichean

Dh'fhaodadh gun tèid stèisean rèile a thogail aig Port-adhair Inbhir Nis an ceann dà bhliadhna.

Tha buidheann còmhdhail na Gàidhealtachd, HITRANS, gu bhith a' sireadh cead-dealbhachaidh an ath-bhliadhna, agus iad ag amas gum bi an stèisean fosgailte ann an 2017.

Tha a' bhuidheann air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh stèisean a thogail aig a' phort-adhair bho chionn deich bliadhna.

Thuirt Frank Roach bhon bhuidhinn gum biodh e gu math furasta taic-airgid fhaotainn airson a' phròiseict, le taic agus iarrtas mòr ann air a shon.

Dh'innis e cuideachd gun tèid iarraidh air Network Rail planaichean a dhealbh airson a' phròiseict ann an ùine nach bi fada.

'S ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios am facal mu dheireadh air a' chùis.