PSO air seirbheisean adhair nan Eilean?
- Air fhoillseachadh

Mhol an Comh. Dòmhnall Manford, a bha roimhe na chathraiche air Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Òrdugh Seirbheis Phoblaich - PSO - a chur air seirbheisean adhair nan Eilean air fad mar dhòigh piseach a thoirt air an t-seirbheis.
'S ann mar sheirbheisean coimisearsalta a tha a' mhòr-chuid de na seirbheisean gan ruith an-dràsta, a thuilleadh air an tè eadar Barraigh agus Glaschu.
Tha Mgr. Manford ag ràdh gur e òrdugh PSO a chur orra am freagairt a b' fheàrr leis na tha cuid de na slighean a' faighinn de shubsadaidh.
Tha e a' dèanamh dheth, le òrdugh PSO orra, gun gabhadh plèanaichean ùra a chur air na slighean, agus gun gabhadh smachd fhaighinn air faraidhean.
Tha mòran ghearainnean air a bhith ann bho chionn ghoirid mu sheirbheisean na companaidh Loganair.
Plèanaichean ùra?
"Chan eil an t-seirbheis choimearsalta a' toirt seachad na seirbheis a thathar feumach air neo na thathar ag iarraidh - gu seachd àraidh airson plèanaichean ùra fhaighinn a-staigh - agus cha chanainn gum biodh e coimearsalta ma tha dàrna leth de na ticeadan air am pàigheadh le airgead poblach."
"Tha sinn a' faicinn na plèanaichean a th' againn an-dràsta gu bheil iad sean - chan eilear gan togail tuilleadh ... dh'fheumadh iad a bhith nas motha. A-nis ma tha thu a' dèanamh suas adhbhar airson plèanaichean nas fheàrr, nas ùire agus nas motha a chur air, feumaidh tu barrachd a bhith gan usaideigeadh."
Mhol e tòiseachadh le PSO a chur air slighe neo dhà, a dh'fhaicinn mar a dh'obraicheadh e.
Sgrìobhaidh e gu Riaghaltas na h-Alba a dh'fhaighneachd dè na chosgadh e PSO a chur air slighe adhair, a thuilleadh air na tha iad a' cosg oirre an-dràsta.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 28 An Dàmhair 2015
- 4 An t-Samhain 2015