Ceist mu Mhòd Ìle

BBC Image copyright An Comunn Gàidhealach

Tha dragh ann an Ìle mu na tha an dàn do mhòd ionadail na sgìre.

Thàinig fàs air Mòd Ìle anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad le clann is inbhich a bharrachd a' farpais.

Bha timcheall air 130 duine-cloinne aig Mòd Ìle na bliadhna.

Rùnaire

Tha iad feumach air rùnaire ùr, ge-tà.

A dh'aindeoin sanas anns an Ìleach, cha tàinig duine air adhart fhathast.

Cha do nochd ach ceathrar aig coinneimh mun chùis ann an Ionad Chaluim Chille Ìle oidhche Chiadain.

B' e bristeadh-dùil a bha sin do dh'ionmhasair Mhòd Ìle.

"Anns an t-sanas, thuirt mi ma tha sibh ag iarraidh gum bi am mòd a' dol air adhart, thigibh gus cuideachadh a thoirt dhuinn", thuirt Bronwen NicMhuirich.

Oidhirp

Leanaidh oidhirp gus am mòd a ghlèidheadh, ge-tà.

"Bidh coinneamh againn aig toiseach an Fhaoillich.

"San eadar-ama cuiridh sinn air dòigh an àrd-sgoil le dòchas gum bi am mòd a' dol air adhart san Òg-Mhìos, ach feumaidh rùnaire a bhith againn", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile