Iasgairean ag iarraidh atharrachaidh

Cladach Leòdhais

Tha iasgairean nan Eilean Siar air molaidhean a chur gu Riaghaltas na h-Alba airson atharrachadh a thoirt air riaghailtean co-cheangailte ri amannan sa bhliadhna nuair a tha cuid de na bancaichean-iasgaich mu na h-Eileanan dùinte.

Tha iad ag ràdh gu bheil cùisean air atharrachadh bho chaidh casg a chur aig amannan sònraichte bho chionn 30 bliadhna.

Tha seo a' gabhail a-steach taobh siar Leòdhais, Loch a' Ròg, Caolas na Hearadh agus taobh an ear Uibhist is taobh siar Uibhist is Bharraigh.

"Mar a tha meud nam bàtaichean air atharrachadh, ann na Loch a' Ròg mar eisimpleir, tha sinn a' faicinn trì mìosan bho thoiseach a' Chèitein, gum bu chòir dha a bhith dùinte airson clèibh an fheadhainn a tha a' dol airson maoraich ann," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Ach tha cothrom eile ann an Loch a' Ròg, tha iasgach ùr airson mhucan-creige, airson a bhith a' toirt nam mialan bho na bradain ann.

"Agus tha cothrom eile ann dha na bàtaichean a tha sin, an t-seòrsa iasgaich a tha sin a dhèanamh gun chron a chur air stoc a' mhaoraich, ri linn, aig an àm sin den bhliadhna bha prìsean ìosal, bha an aimsir blàth agus bha tòrr a' bàsachadh.

"An t-seòrsa bhàtaichean a th' ann a-nis, faodaidh iad a bhith ag obair nas fhaide a-muigh, agus bidh am maorach a tha sin air fhàgail gu deireadh na bliadhna nuair a tha an aimsir nas fhuaire agus cha bhàsaich uimhir, agus tha a' phrìs an-àirde.

"A' dol air ais 30 bliadhna, ann an Loch a' Ròg, bha factaraidh a bha a' giollachd chrùbagan ann.

"'S e bàtaichean mòra a bh' ann an uair sin, agus tha na bàtaichean sin air a thighinn a-mach às a' ghnìomhachas, agus 's e bàtaichean beaga a th' air fhàgail a-nis.

"Bha casg air a chur bho Bhràgar sìos gu Dal Mòr ann am mìosan an t-Samhraidh orra a bhith a' cleachdadh na sgìre a bha sin, airson bha e comasach dhaibh a bhith ag iasgach na b' fhaide a-muigh.

"Tha an grunnd a tha sin a' fosgladh a-nis tron t-Samhradh, agus a' dùnadh tron Gheamhradh.

"Mar sin tha e a' toirt cothrom dha riaghailtean a bhith air an dèanamh aig ìre ionadail, agus bhiodh sinn an dòchas mar eisimpleir gun deadh sin air adhart," thuirt e.