Dìon ga iarraidh dha Eileanan Nis

Eileanan Nis Image copyright John Allan / Geograph
Image caption Tha tuiltean tric air buaidh a thoirt air Eileanan Nis.

Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd barrachd a dhèanamh airson Eileanan Abhainn Nis a dhìon bho thuiltean.

Bidh daoine tric a' coiseachd anns an sgìre.

Bha na h-eileanan dùinte air an deireadh-sheachdain ri linn tuiltean, rud a tha air tachairt grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Tha am BPA Làbarach, Dàibhidh Stiùbhart, a-niste ag iarraidh gun tèid obair dìon thuiltean a chur an sàs airson na h-eileanan a dhìon

Thuirt Mgr Stiùbhart gu bheil daoine air fios a chur air mun t-suidheachadh.

Sgrùdadh

Thuirt e gum bu chòir dhan Chomhairle sgrùdadh a thòiseachadh feuch dè ghabhas a dhèanamh airson na h-eileanan a ghlèidheadh.

"Chan ann a-mhàin gu bheil na h-eileanan dùinte tric, ach gu bheil na staranan fo thuil fiù 's nuair a tha na h-eileanan fosgailte", thuirt Mgr Stiùbhart.

"Tha dragh orm cuideachd mun chron a tha na tuiltean seo a' dèanamh air an àite.

"S e tàmailt mhòr a bhios ann ma thèid na h-eileanan bhuaithe air sgàth 's nach eil dad ga dhèanamh 'son an dìon.

"Innsidh sgrùdadh dhuinn dè dìreach a tha a dhìth gus na h-Eileanan a ghlèidheadh 'son nan ginealachdan ri tighinn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile