Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist na Làraidh-sgudail

Thàinig rannsachadh dhan cho-dhùnadh gum faodadh tubaist na làraidh-sgudail ann an Glaschu anns an Dùbhlachd an-uiridh, anns an deach sianar a mharbhadh, a bhith air a seachnadh mura biodh an dràibhear air breugan innse mu shlàinte. Thuirt an Siorram, John Becket QC, a bha os cionn an rannsachaidh gun do dh'innis an dràibhear, Harry Clarke, breugan uair an dèidh uair airson obair fhaighinn agus a chead-dràibhidh a chumail. Agus tha an aithisg a' moladh atharrachadh san lagh airson cead-dràibhidh iarraidh.

Tuiltean

Tha rabhadh air tuiltean fhathast ann am mòran sgìrean de dh'Alba an dèidh na droch-shìde air an deireadh-sheachdain. Tha Comhairle nan Crìochan a' feuchainn ri còrr is 700 duine a thilleadh gu an dachannan an dèidh do dh'Abhainn Teviot a bruaichean a bhriseadh. Agus thèid clann na sgìre sin a chumail anns an sgoil aig àm dìnnearach an-diugh leis a' chunnart a th' ann fhathast bho thuiltean anns na h-aibhnichean. Tha còrr is 7,000 dachaigh fhathast gun dealan sna sgìrean as miosa a dh'fhulaing ann an ceann a tuath Shasainn, ann an Cumbria agus Lancashire.

Bàtaichean Cogaidh

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tèid £8bn a chosg a' togail bhàtaichean cogaidh an Alba air an ath-dheich bliadhna. Thàinig an dearbhadh bho Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, a bha a' tadhail air gàradh Ros Saoithe ann am Fìobha far a bheil iad a' togail na luinge-itealain ùire, an Queen Elizabeth.

Leytonstone

Thèid fear mu choinneimh na cùirte an-diugh fo chasaid mun ionnsaigh le sgithinn air rèile an Underground an an Lunnainn Disathairne. Chaidh duine, a tha 56 bliadhna de dh'aois, a leòn gu dona aig stèisean Leytonstone air taobh sear a' bhaile. Tha Muhaydin Mire, a tha 29 bliadhna de dh'aois, fo chasaid gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh.

Bancaichean Chataibh

Tha gearradh a' tighinn an-diugh air na h-uairean a tha cuid de bhancaichean a' chinn a tuath fosgailte. Tha gearain gu h-àraid air taobh sear Chataibh, far a bheil gearradh mòr air na h-uairean aig Banca na h-Alba ann an Dòrnach, Bun Illidh agus Drochaid a' Bhanna. Cha bhi Banca na h-Alba ann an Drochaid a' Bhanna fosgailte ach aon là san t-seachdain airson còig uairean de thìde. Tha cuid san sgìre sin a' faicinn seo mar cheum gus am banca a dhùnadh uile gu lèir. Thuirt Banca na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil air an t-seirbheis a tha iad a' toirt seachad, agus nach eil gearradh sam bith ga dhèanamh gun adhbhar.