"Cothroman" le cumhachd ath-nuadhachail

Crann

Thuirt Stiùriche Companaidh Cumhachd an Rubha is Shanndabhaig ann an Leòdhas gu bheil cothroman mòra ann fhathast do choimhearsnachdan le cumhachd ath-nuadhachail, a dh'aindeoin ghearraidheann ann an taic subsadaidh is eile.

Bha Dòmhnall Iain MacSuain a' bruidhinn agus a' chompanaidh air inbhe sgeama chumhachd coimhearsnachd na bliadhna fhaighinn aig duaisean Chumhachd Uaine na h-Alba.

Thog iad trì crainn-ghaoithe air Beinn Ghrìdeig.

'S e a' phròiseict choimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte.

Strì

Thug e deich bliadhna a' phròiseict a thoirt gu buil.

Thuirt Mgr MacSuain gur e urram a bha san duais às dèidh gach strì a bh' aca thar nam bliadhnaichean.

Ged a tha Riaghaltas Westminster air taicean subsadaidh dha sgeamaichean ath-nuadhachail a ghearradh, tha Mgr MacSuain a' cumail a-mach nach bu chòir eagal a bhith air coimhearsnachd sgeamaichan ùra a chur air adhart.

"Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil cothroman ann fhathast dha coimhearsnachdan", thuirt Mgr MacSuain.

Cothroman

"Ma tha cothroman ann dha na companaidhean mòra, carson nach biodh cothroman ann dha na coimhearsnachdan?

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil càil air atharrachadh a chuireadh bacadh air coimhearsnachd sam bith a dhol sìos an aon rathad rinne", thuirt e.

Dh'innis e cuideachd gu bheil Companaidh Chumhachd an Rubha is Shanndabhaig tuilleadh is deònach comhairle is stiùireadh a thoirt dha coimhearsnachdan eile, is gu dearbha gu bheil iad air sin a dhèanamh mar thà.

Tha a' chompanaidh an dùil tòiseachadh air an airgead a tha a' tighinn às an sgeama aca a sgaoileadh am measg phròiseictean sa choimhearsnachd an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile