Iarrtas airson bile nas radaigich

Croitean

Dh'iarr comataidh phàrlamaid air Riaghaltas na h-Alba Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn a neartachadh airson na "h-atharrachaidhean radaigeach" a tha a dhìth a chuir an sàs.

Dh'fhoillsich Comataidh Chùisean Dùthchail Holyrood an aithsg air a' bhile an-diugh.

Tha iad ag iarraidh gun deidheadh am bile atharrachadh airson siostam a thoirt a-steach a dhèanadh nas soilleire co leis a tha fearann agus cò tha a' faighinn a' bhuannachd às.

Tha eagal orra cuideachd gu bheil na deuchainnean a dheidheadh air coimhearsnachdan mus fhaigheadh iad fearann ro chas ann an cuid de shuidheachaidhean.

Ach tha iad a' togail cheistean a bheil fianais gu leòr ann gun dèanadh e feum reitichean gnìomhachais a thoirt air ais airson oighreachdan spòrs.

Tha teagamh air a' chomataidh a bheil gu leòr sa bhile airson leudachadh a thoirt air na tha de dh'fhearann ri fhaotainn air màl, fear de dh'amasan an riaghalais.

Tha ceist orra cuideachdh a bheil gu leòr ga dhèanamh airson còirichean luchd-màil a neartachadh airson am brosnachadh barrachd airgid a chosg air an fhearann, agus gu bheil - aig an aon àm - còirichean nan uachdaran air a dhìon.

Mhol a' chomataidh cuideachd am bile atharrachadh son gun deidheadh a chuir ann an lagh gum bu chòir Gàidhlig a bhith aig co dhiù aon bhall air Coimisean Fearann na h-Alba.

Dh'iarr a' chomataidh tòrr a bharrachd fiosrachaidh mus deìdheadh a' chiad ìre dhen bhile a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha mòran uachdarain air a ràdh gun toir am bile, mar a tha e an dràsta, droch bhuaidh air gnìomhachas.

Tha iad iad ag ràdh gu bheil dragh orra gur ann airson uachdarain a pheanasachadh a thathas a' moladh am bile a dhèanamh nas radaigich seach a bhith ag amas air ath-leasachadh airson buannachd a thoirt dhan h-uile duine.

Eu-coltach ris a' chomataidh thuirt iar-cheann-suidhe aonadh nan tuathannach, NFU na h-Alba, Anndra MacCarmaig, nach eil na deuchainnean a dheidheadh air coimhearsnachdan mus fhaigheadh iad còir air fearrann a cheannach cas gu leòr.

"Tha na deuchainnean cho neo-shoilleir 's gum faodadh a h-uile tuathanas ann an Alba fearann a chall ri buidheann sa bith a tha airson a ràdh gur e coimhearsnachd a th'annta.

"Dh'fhaodadh sin buaidh mhòr a thoirt air gnìomachas thuathanais sa bith," thuirt Mgr MacCarmaig.

Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba fàilte air aithisg na comataidh ag ràdh gu robh i mionaideach agus susbainteach.

Chuir buill co-labhairt an SNP an aghaidh a' bhile san Damhair 's iad-san cuideachd ag ràdh gum bu chòir dha a bhith air a neartachadh.