Co-dhùnadh na Margaidh Bhictorianach ga chur dheth

A' Mhargaidh Bhictorianach Image copyright Colin Smith/Geograph

Chuir comhairlichean Inbhir Nis co-dhùnadh mu stiùireadh na Margaidh Bhictorianaich sa bhaile a chur a-mach gu tairgse dheth chun na Bliadhna Ùire.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith nam bùithdean sa mhargaidh air draghan às ùr a thogail mun buaidh a bheireadh a' mhargaidh a bhith san roinn phrìobhaidich air na gnothachasan aca.

Tha e an-dràsta ga ruith leis a' Chomhairle às leth Maoin Maith-Choitchinn Inbhir Nis, ach tha aithisg a' moladh companaidh phrìobhaideach a thoirt a-steach an àite an ùghdarrais ionadail.

Tha aithisg a rinneadh do Chomataidh Baile Inbhir Nis ag ràdh gum faodadh cruth ùr a thighinn air a' mhargaidh a thuilleadh air leasachaidhean eile.