Itealain a' fàgail Mhoireibh 'son Cìopras

Ionad RAF Inbhir Losaidh Image copyright PA

Dh'fhàg sia itealain Typhoon ionad RAF Inbhir Lòsaidh airson a dhol an sàs san iomairt-airm an aghaidh na Stàite Ioslamaich ann an Siria.

Dh'fhàg na h-itealain an t-ionad ann am Moireibh mu 08:00m 's iad a' dèanamh air ionad RAF Akrotiri ann an Cìopras.

Bhòt 397 Buill-Pàrlamaid ann an Taigh nan Cumantan oidhche Chiadain airson na h-iomairt airm an aghaidh IS a leudachadh bho Iorac gu Siria.

Chuir 223 na aghaidh.

Thòisich ionnsaighean le itealain Tornado stèidhichte ann an Cìopras uairean de thìde an dèidh na bhòta.

Dh'fhàg Airbus A400M ionad RAF Inbhir Lòsaidh cuideachd.

Bha i sin a' giùlain uidheamachd agus innleadairean 's luchd-obrach a bhios ag obair air an talamh agus a' coimhead às dèidh nam plèanaichean a tha stèidhichte ann an Cìopras.

Chuirear dà itealan Tornado a tha stèidhichte aig ionad RAF Marham ann an Norfolk a Chìopras cuideachd.

Bhòt

Na bu thràithe chàin an SNP buil bhòt Thaigh nan Cumantan air na h-ionnsaighean.

Thuirt Ceannard a' phàrtaidh ann an Westminster, Aonghas Robasdan, a tha na Bhall-Pàrlamaid airson sgìre Mhoireibh, gun deach Alba a dhraghadh a-steach gu cogadh gun ro-innleachd air ciamar a gheibh i às.

'S e dìreach dìthis den 59 de bhuill na h-Alba a chuir taic ris na h-ionnsaighean: an Lib-Deamach Alasdair Mac'IlleMhìcheil agus an Tòraidheach Dàibhidh Mundell.

Tron deasbad sna Cumantan, a mhair deich uairean de thìde, thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gur e "uile-bhèistean bho na meadhan-aoisean" a bh' ann an IS, gun robh iomairt airm nan aghaidh laghail agus "gun cumadh e an dùthaich againn sàbhailte".