Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atharrachadh na h-aimsir

Tha dòchas math gun ruig a' cho-labhairt air atharrachadh na h-aimsire ann am Paris aonta air blathachadh na cruinne, a rèir an fhir a bhios os a cionn. Chaidh Ministear Cèin na Frainge, Laurent Fabius, a thaghadh mar cheann-suidhe na coinneimh. Thuirt Mgr Fabius gun robh sùilean an t-saoghail orra agus gun robh coltas math gun deigheadh aca air an dleasdanas a choilionadh. Ach tha eòlaichean dhen bheachd nach bi co-dhùnaidhean ris an gabh a h-uile duine furasta an ruighinn.

Caibineat dùbhlannach

Tha an caibineat dùbhlanach a' coinneachadh 's iad a' dol a dh' fhaighinn a-mach an ceadaich Jeremy Corbyn bhòt shaor dhaibh air ionnsaighean adhair ann an Siria. A' bruidhinn ron a' choinneimh, thuirt an seansalair dùbhlanach, Iain McDonnell, nach robh fhios aige dè cho-dhùnadh Mgr Corbyn. Ach tha rabhadh ann gu leig grunn bhuill de chaibineat nan Làbarach dhiubh an dreuchd mu chuireas an ceannard cuip orra airson a dhol an aghaidh ionnsaighean adhair. Tha Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Iain Moireach, air a ràdh ris a' BhBC nach eil esan a' smaoineachadh gun toireadh ionnsaighean adhair buaidh air an Stàit Islamaich ann an Siria. Thuirt e gun robh e fhèin - agus ceannard Albannach nan Làbarach Kezia Dugdale - nan aghaidh.

Forestry

Tha coilltearachd an Alba a' cur cha mhòr billean not ri eaconomaidh na dùthcha. Tha sin a rèir àireamhan ùra a thàinig bho Choimisean na Coilltearachd. Tha leth uidhir a-rithist a' faighinn cosnaidh anns a' ghnìomhachas 's a bha ann an 2008. Thuirt an coimisean gu bheil còig thar fhichead mìle duine an sàs anns an roinn ann an dòigh air choreigin.

Dòtairean

Chan eil na h-uidhir de dh' airgead ga chosg air euslaintich anns na sgìrean as bochda an Alba, 's a tha ann an sgìrean beartach, a reir rannsachaidh ùir bho Riaghaltas na h-Alba. Fhuair rannsaichean an oilthighean Ghlaschu 's Dhun Deagh gu robh seachd notaichean a bharrachd ga chuir air euslaintich ann an cuid de sgìrean. Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad an dràsta a' sgrùdadh mar a tha dotairean gam maoineachadh.

Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn

Tha ceist an fhearainn bho shealladh Crìosdail ga deasbad an-diugh aig co-labhairt ann an Inbhir Pheofharain. Bidh riochdairean eaglais, eòlaichean lagha agus cròitearan bho air feadh na Gàidhealtachd a' bruidhinn air Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a tha an dràsta a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba. Thuirt an t-Urramach Iain MacAsgaill bhon Eaglais Shaoir gun robh stiùir de dhiofar sheòrsaichean anns a' Bhìobhall a thaobh dè is còir a dhèanamh le fearann.

Ministearan

Tha barrachd mhinistearan ùra air tòiseachadh ann an Eaglais na h-Alba am bliadhna na bh' aca bho chionn còig bliadhna. Thòisich seachd ministear fichead, ach dh' fheumadh an eaglais deich thar fhichead gach bliadhna, ri linn 's gu bheil uidhir a' dol a bhi a' leigeal dhiubh an dreuchdan anns na deich bliadhna romhainn.

Cupa Davis

Tha Andaidh Moireach air a bhith a' dèanamh soilleir na bha e a' ciallachadh dhà Cupa Davis a bhuannachadh an-dè, còmhla ri sgioba Bhreatainn. Thuirt e gun tug e barrachd buaidh air na thug Wimbledon a bhuannachadh no bonn òir fhaighinn aig na Geamaichean Oilimpigeach.