Coinneamh ga h-iarraidh le Alba Chruthachail

Suaicheantas Pròiseact nan Ealan
Image caption Thèid a' bhuidhinn à bith ro dheireadh na bliadhna

Thèid iarraidh air Alba Chruthachail bruidhinn ri Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba mu na tha fainear dhaibh a thaobh nan ealan Gàidhlig.

Tha seo às dèidh mar a chaidh fhoillseachadh an t-seachdainn sa chaidh gun tèid Pròiseact nan Ealan à bith ro dheireadh na bliadhna air sgàth dìth ionmhais.

Dh'atharraich Alba Chruthachail an dòigh anns an robh Pròiseact nan Eilean, agus buidhnean eile, gam maoineachadh bho chionn beagan bhliadhnaichean - leis an taic-airgid bunaiteach aca ga lùghdachadh gu mòr.

Thuirt Alba Chruthachail gun tug iad £180,000 do Phroiseact nan Ealan eadar 2014 agus an àm-sa fhèin.

"Soilleireachadh"

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, a bh' aig coinneimh Thar-Phartaidh na Gàidhlig, gun robh iad a' sireadh soilleireachaidh bho Alba Chruthachail mun na th' anns an amharc aca.

Thuirt e gu bheil e dhen bheachd gu bheil buidhean nàiseanta a dhìth airson na h-ealain Ghàidhlig a stiùireadh.

"Tha mi a' smaoineachadh sa chiad àite gum feumar measadh a dhèanamh air dè ghabhas dèanamh - ma ghabhas càil idir a dhèanamh a thaobh Pròiseact nan Ealain - ach 's e aon rud nach eil mi a' smaoineachadh a bhiodh freagarrach 's e gum biodh buidhnean eile co-cheangailte ris na h-ealain tro Alba a' lìbhrigeadh prògram de phròiseactan a thaobh nan ealan agus dualchas Gàidhlig."

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e riatanach gum biodh sin stèidhichte anns na coimhearsnachdan Gàidhlig tarsainn Alba air fad agus tha còir aig buidhinn nàiseanta a bhith ann airson nan ealan agus dualchas Gàidhlig - mar a tha air a bhith ann gu ruige seo", thuirt e.

Thuirt Alba Chruthachail gu bheil iad ag aithneachadh cho bunaiteach 's a tha a' Ghàidhlig do chultar na h-Alba.

Thuirt iad gu bheil iad a' cumail taic ri grunn bhuidhnean Gàidhlig, 's gu bheil iad air cha mhòr £1.5m a thoirt seachad do phròiseactan 's buidhnean Gàidhlig bhon sgeama maoineachaidh fosgailte aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile