Bòrd Slàinte an staing airgid às ùr

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thèid innse do Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur dòcha gum bi iad còrr air £3m thairis air a' bhuidseat aca am-bliadhna.

A rèir Stiùiriche Ionmhais a' Bhùird, Nick Kenton, feumaidh iad plana èiginneach eile a chur air dòigh.

Chan e seo idir a' chiad turas a bha NHS na Gàidhealtachd ann an staing airgid.

Ann an 2013/14, thuirt Comataidh nan Cunntasan Poblach aig Holyrood gun robh laigsean bunaiteach aig a' Bhòrd.

A rèir na Comataidh, bha leabhraichean cunntais a' Bhùird ann am bùrach.

Am-bliadhna fhèin, fhuair am Bòrd Slàinte £9m a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.

Duilgheadasan Mòra

A dh'aindeoin sin, tha e coltach gu bheil duilgheadasan mòra fhathast aca.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh a' bhuird Dimàirt seo tighinn, canaidh Stiùiriche an Ionmhais gu bheil iad £3m thairis air buidseat.

Canaidh Nick Kenton cuideachd, ge-tà, gum faodadh gum bi iad mu £5m thairis air buidseat aig deireadh na bliadhna ionmhais.

Innsidh Mgr Kenton mar sin gum feum plana èiginneach eile luach corr's £2.5m a chur air dòigh.

Canaidh e, ge-tà, gu bheil e dòchasach gun tèid aige air na leabhraichean cunntais a chothromachadh .

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile