Seachdain nas giorra fon phrosbaig às ùr

Sgoilearan

Thèid beachdachadh às ùr air seachdain na sgoile air a' Ghàidhealtachd a ghearradh gu 4.5 là.

Bhiodh an gnothach cuideachd a' toirt a-steach luchd-obrach ann an oifisean Comhairle na Gàidhealtachd

Tha am beachd ann agus an t-Ùghdarras a' meòrachadh air mar a nì iad sàbhalaidhean de £21m ann an 2016/2017.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd am moladh seo air adhart mar thà ann an 2012.

Às dèidh dhaibh co-chomhairle a dhèanamh air, chaidh a chur an dàrna taobh.

Thuirt a' Chomhairle ge-tà, gur dòcha gun tilleadh am plana, is tha sin a-nise air tachairt.

Airgead

Dhùineadh oifisean is sgoiltean aig àm a' bhìdh Dihaoine is a' Chomhairle ag ràdh gum faodadh iad airgead a shàbhaladh a thaobh ghnothaichean mar teas, solas is cumhachd.

Thuirt iad gum biodh a' mhòr-chuid de luchd-obrach fhathast ag obair nan uairean àbhaisteach aca, ach taobh a-staigh 4.5 là seach 5.

Thuirt iad gur dòcha gum biodh cuid airson na h-uairean aca nan cùmhnantan a lùghdachadh gu saor-thoileach, is gum biodh an roghainn sin ann dhaibh far a bheil e practaigeach.

Thèid iarraidh a-nise air panal de riochdairean an t-sluaigh am beachd a thoirt seachad air a' ghnothach.

"Tha sinn a' lorg tòrr airgid airson a bhith cinnteach gum bi am buidseat deiseil an ath-bhliadhna, tha sinn a' coimhead air dòighean diofraichte air ciamar a tha sinn a' dol a shàbhaladh airgid", thuirt an Comh. Audrey Nic na Ceàrdaich.

Sgrùdadh

"Bidh feadhainn nach eil toilichte agus sin as adhbhar gu bheil sinn a' dol gu sgrùdadh, airson faighinn a-mach dè tha daoine a' smaointinn mu dheidhinn", thuirt i.

Thàinig rabhadh ge-tà, bho fhear a bha bliadhnaichean os cionn Àrd-sgoil a' Phluic mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air foghlam na cloinne.

Thuirt Donnchadh Fearghasdan gun robh e air cluinntinn bho sgìrean eile gum faodadh seachdain nas giorra a bhith soirbheachail.

Thuirt e gur dòcha gum biodh buannachdan ann do chuid de sgoilearan ann an sgìrean dùtchail faighinn dhachaigh nas tràithe Dihaoine, ged a bha rabhadh aige mu làithean nas fhaide tron t-seachdain.

Dh'iarr e gum biodh Comhairle na Gàidhealtachd gu math faiceallach leis a' ghnothach.

Call

"Dh'fheumadh sinn a bhith gu math cinnteach nach robh a' chlann a' call a-mach ann an dòigh sam bith air foghlam agus air tachartasan an dèidh na sgoile," thuirt Mgr Fearghasdan.

"Ma tha là fada agad, chan eil clann a' dol a bhith cho buailteach fuireach airson dràma no ceòl no rugbaidh no iomain.

"Cha bhiodh na tidsearan toilichte, tha duilgheadasan mar-thà aig tidsearan faighinn tro na cùrsaichean agus deasachadh oileanach airson deuchainnean.

"Leis a sin, feumaidh sinn a bhith gu math faiceallach mun cuairt air gearradh uairean teagaisg aig àm sam bith", thuirt e.

Tòisichidh a' cho-chomhairle le riochdairean an t-sluaigh air an 27mh den mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile