Sgeama na Comraich air an targaid

Allt Breugach. Image copyright Companaidh Coimhearsnachd na Comraich

Tha toileachas ga dhèanamh air a' Chomraich is sgeama hydro na sgìre air an targaid maoineachaidh aca a ruighinn.

Chuir a' choimhearsnachd romhpa £780,000 a thogail le a bhith a' reic earrainnean san sgeama, is sia seachdainnean aca gus an targaid a ruighinn.

Air a' cheann thall, cha tug e ach còig seachdainnean sin a dhèanamh.

Thàinig mu chairteal den airgead às an sgìre fhèin leis a' chòrr a' tighinn bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha sinn air ar dòigh buileach glan", thuirt fear de stiùirichean Companaidh Coimhearsnachd na Comraich, Ally MacLeòid.

"Targaid àrd"

"Bha fios againn gur e targaid àrd a bha seo, agus a bhith ga ruighinn ann an còig seachdainnean, chan urrainn dhuinn a chreidsinn.

"An-dràsta tha a' chompanaidh a' ruith sgeama bhainn-leathainn na sgìre, nan taighean beaga agus stèisein a' chonnaidh.

"S e rudan a tha rianatanach dhan choimhearsnachd a tha sin, ach 's ann air èiginn a tha sinn gan cumail a' dol.

"A-nise tha rudeigin againn a bheir airgead a bharrachd a-steach dhan choimhearsnachd, bidh buaidh mhòr aig an sgeama seo", thuirt e.

Thòisich obair-togail as t-Samhradh air an sgeama aig Allt Breugach is tha dùil gum bi e deiseil ro dheireadh na bliadhna.

Thathas an dòchas gun cruthaich an sgeama 90kw is gun tog e còrr is £100,000 sa chiad bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile