Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Thuirt Dàibhidh Camshron gum bi Breatainn a' roinn mòran a bharrachd fiosrachaidh ris an Fhraing, agus ri dùthchannan Eòrpach eile nan strì an aghaidh ceannairc. Bha am Prìomhaire ann am Paris anns a' mhadainn an-diugh airson chòmhraidhean ri Ceann-Suidhe na Frainge, Francois Hollande, 's iad a' deasbad tuilleadh co-obrachaidh eadar-nàiseanta an aghaidh cunnart na Stàite Ioslamaich.

Dìon is Tèarainteachd

Tillidh am Prìomhaire a thoirt fiosrachaidh do Thaigh nan Cumantan feasgar air an ath-sgrùdadh air dìon agus tèarainteachd na dùthcha. Tha dùil gun tèid £12m a chur ris a' bhuidseat airosn innleachd ùir, agus mar phàirt dheth sin bidh itealain ùra ann a bhios a' cumail sùil air cladaichean na dùthcha, 's iad stèidhichte aig Feachd an Adhair Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.

A' Bheilg

Chuir poilis anns a' Bheilg 16 duine an grèim fo amharas mun cheannairc ann am Paris bho chionn deich là. Cha robh Salah Abdeslam a tha fo amharas mu na h-ionnsaighean ann am Paris nam measg. Tha sgoiltean agus mòran de na goireasan poblach anns a' Bhruiseil dùinte an-diugh a-rithist.

Ùghdarrasan Ionadail

Thàinig rabhadh bho ùghdarrasan ionadail na h-Alba gun tig tuilleadh call-cosnaidh agus ghearraidhean ann an seirbheisean leis a' bhuidseat a tha Holyrood agus Westminster a' cur romhpa. Tha Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, ag ràdh gu bheil iadsan gun chumhachd leis a' chasg a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur air àrdachadh na Cìse Comhairle. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach buidseat nan comhairlean a ghlèidheadh bho 2012, ged a tha cha-mhòr 10% nas lugha de dh'airgead a' tighinn à Westminster.

Ceann a Tuath na Hearadh

Thèid dragh mu sheirbheis na slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an ceann a tuath na Hearadh a thogail aig coinneimh a-nochd a-rithist. Tha Buidheann Dealbhachaidh Ionadail na Hearadh a' cumail coinneimh phoblaich airson fiosrachadh a chumail ris an t-sluagh mun oidhirp air seirbheis nas fheàrr, agus iad mì-thoilichte gu bheil an dotair as fhaisge orra tron oidhche stèidhichte ann an Steòrnabhagh.