Dìoghaltas dha Èirinn

Páirc an Chrócaigh.

B' ann le Èirinn a chaidh an là san dàrna geama iomain eadar-nàiseanta den bhliadhna.

A dh'aindeoin is nach robh iad air buannachadh air talamh na h-Èireann bho 2010, chum na h-Albannaich ceann a' mhaide ris na h-Èireannaich fad a' gheama am Páirc an Chrócaigh ann am Baile Átha Cliath.

Bha tadhail ann dhaibh sa chiad leth bho Fhriseal Heath is Caoimhinn Bartlett ach bha Zane Keenan is Patrick 'Bonnar' Maher air an targaid dha Èirinn cuideachd, is na balaich ann an uaine air thoiseach 2-7 (13) gu 2-6 (12) aig letheach ùine.

B' ann aig an luchd-dìon a bha làmh an uachdair san dàrna leth, is cha d' fhuair Alba ach dà phuing bho Bhartlett.

Gann

Bha cùisean a cheart cho gann dha na h-Èireannaich ge-tà, is bha na sgiobaidhean co-ionnan le dà mhionaid air fhàgail.

Chrìochnaich Èirinn gu làidir le puingean bho Eoin Price is Shane Nolan a' buannachadh a' gheama dhaibh 2-10 (16) to 2-8 (14).

Ged a bhios Alba a' coimhead air a' gheama mar chothrom caillte buannachadh an Èirinn, tha fios gum bi iad riaraichte leis na geamaichean eadar-nàiseanta.

Cofhurtail

Cha deach ro mhath dhaibh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, ach le buaidh chofhurtail an Inbhir Nis is geama teann am Baile Átha Cliath, chaidh adhartas a dhèanamh am-bliadhna.

Tha dùil gun till gnothaichean gu aona gheama an ath-bhliadhna seach a dhà.

Tionndaidhidh aire luchd-leantainn na h-iomain a-nise dhan gheama mhòr Disathairne eadar Ceann a' Ghiuthsaich is Cill Mhàillidh.

Innsidh an geama aig Pàirc a' Bhucht cò an sgioba mu dheireadh a bhios a' cluiche sa Phrìomh Lìog an ath-bhliadhna.