Uibhist "feumach air dùsgadh"

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhPicasa
fo-thiotal an deilbhThuirt Mgr Caimbeul gu bheil eisimpleirean an de na ghabhas dèanamh an Uibhist ma dh'obraicheas daoine còmhla.

Tha feum air poileasaidhean sònraichte aig ìre riaghaltais gus eaconamaidh Uibhist - agus sgìrean eile coltach ris - a thoirt air adhart.

Sin beachd an eòlaiche eaconamachd, Iain Caimbeul, ' s e a' bruidhinn aig coinneimh den bhuidhinn Uibhist Sheasmhach oidhche Ardaoin.

Tha Uibhist Sheasmhach air na h-amasan aca atharrachadh gus gnothaichean eaconamach a thoirt a-steach.

Tha eòlaichean a' cumail a-mach gun crìon àireamh an t-sluaigh ann an Uibhist thar an 25 bliadhna ri teachd, mura tig atharrachadh.

Còmhla

Ach ged a tha Mgr Caimbeul ag ràdh gu bheil feum air taic riaghaltais, dh'iarr e gun dùisg na h-Uibhistich fhèin gus an suidheachadh aca a thionndadh mun cuairt.

"Tha feum air poileasaidh a bhith air atharrachadh. Tha poileasaidhean air a chruthachadh le luchd-poileataigs agus eòlaichean eile, agus tha iad gu math comasach air an atharrahcadh ma tha iad air a shon," thuirt Mgr Caimbeul.

"Feumaidh iad an atharrachadh airson nan eileanan agus sgìrean dùthchail na h-Alba, o chionn chan eil na gnothaichean idir ag obrachadh mar a bu chòir an-dràsta.

"Tha am poileasaidh a th' ann an Alba, tha e gu ìre airson Alba air fad, agus tha beagan de dhealbhachadh air a dhèanamh airson sgìrean dùthchail gun teagamh, ach tha mi a' smaointinn gum feum tòrr a bharrachd a dhèanamh gu h-àraidh airson nan sgìrean eileanach.

"Tha mi a' smaointinn gum feum a' choimhearsnachd ann an Uibhist dùsgadh ann an dòigh, agus aire a thoirt gu bheil iad ann an suidheachadh caran cugallach an-dràsta.

"Tha daoine gu leòr anns na h-eileanan a tha seo a tha gu math comasasch air gnothaichean a dhèanamh, agus thairis air na bliadhnaichean a th' air a dhol seachad tha sinn air faicinn gu bheil Stòras Uibhist a' dèanamh fìor mhath airson Uibhist a Deas gu ìre - tha tòrr mòr ri dhèanamh fhathast - ach tha iad air a shealltainn ann an dòigh, mar a dh'obraicheas daoine còmhla.

"Ach feumaidh daoine obrachadh còmhla. Tha tòrr mòr de phlanaichean agus de ro-innleachdan is gnothaichean mar sin a' dol mun cuairt anns na h-Eileanan agus air feadh Alba air fad.

"Tha còrr aon phlana a bhith ann, a' togail air a h-uile sian a tha sin agus daoine ag obrachadh còmhla.

"Feumaidh na h-Eileanaich tighinn còmhla le aon ghuth ann an dòigh, agus cuideam a chur air luchd-poileataigs agus daoine eile aig àrd-ìre gnothaichean atharrachadh," thuirt e.

Ùr-cheumnachadh

Nam biodh Mgr Caimbeul fhèin air ùr-cheumnachadh on oilthigh, agus a' coimhead ri cothroman obrach agus àite far an togadh e teaghlach, thuirt e nach coimheadadh e ri Uibhist mar a tha e an-dràsta.

"Cha bhitheadh an-dràsta, o chionn, tha e doirbh dhomhsa fhaicinn, a' falbh a-mach às a' bhaile mhòr, Glaschu no Dùn Èideann, a thighinn a dh'Uibhist, far nach eil na goireasan ann a bhiodh tu a' sùileachadh a bu chòir a bhith ann ann an sgìre sam bith ann an Alba an-diugh, chan eil iad idir anns na h-eileanan a tha seo.

"Am bann-leathann gu sònraichte, agus feumaidh sin a bhith ann sna h-eileanan. Feumaidh e a bhith ag obrachadh aig fìor àrd-ìre ma tha sinn idir a' smaointinn gun till, no gum fuirich, clann òg agus teaghlaichean, agus gun tèid gnìomhachasan ùra a chruthachadh an seo.

"Mura bheil sin ann, cha thachair mòran sam bith, agus sìolaidh na h-àireamhan sìos, agus fàsaidh an sgìre nas sine - 's tha sin a' dol a chosg mòran a bharrachd airgid dhan roinn phoblaich.

"Tha dleastanas mòr air an Riaghaltas a dhèanamh cinnteach gu bheil Alba air fad aig an aon ìre mar gum biodh, nach eil Glaschu no Dùn Èideann no Obar Dheathain - no gu dearbha Steòrnabhagh - a' faighinn buannachd a bharrachd na tha Uibhist no Beinn nam Fadhla no Barraigh.

"Tha fhios agam gu bheil sin doirbh a lìbhrigeadh ann an dòigh chothromach, ach feumar coimhead air san dòigh sin.

"Tha mi a' smaointinn gum feum na buidhnean poblach a tha ceangailte ri leasachadh coimhead orra fhèin gu math mionaideach, agus a' cheist fhaighneachd a bheil iad freagarrach airson an t-saoghail a tha sinn beò ann an-diugh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil còir aig an luchd-stiùiridh ionadail an seo coimhead air feadhainn de na buidhnean a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis a thàladh, no pàirt de na buidhnean sin a thàladh dha na h-eileanan.

Momentum

"Aig deireadh an là, ma dheargas tu air bun-stèidh institiùdail mar gum biodh, làidir, a chruthachadh anns na h-Eileanan, tha sin an uair sin a' cruthachadh misneachd an lùib na h-òigridh agus daoine eile.

"Tha e a' cruthachadh momentum mar a chanas iad sa Bheurla, airson gnìomhachasan a chruthachadh.

"Tha cothroman ann an-dràsta buidhnean leithid Choimisean na Croitearachd, Bòrd na Gàidhlig - no pàirt de Bhòrd na Gàidhlig - agus dh'fhaoidte pàirt den Riaghaltas fhèin a ghluasad a-mach dha na h-Eileanan.

"Dh'fhaoidte gun toireadh sin spionnadh dhan iomairt a dh'fheumas tòiseachadh ma tha idir saoghal seasmhach gus a bhith aig na h-eileanan mu dheas co-dhiù.

"Tha tòrr mòr chothroman aig na h-eileanan a tha seo.

"Tha iad gu tur eadar-dhealaichte bho àite sam bith eile den t-saoghal a thaobh cànain, a thaobh dualchais, a thaobh àrainneachd, a thaobh nan daoine fhèin, a thaobh croitearachd.

"An rud a tha a dhìth ge-tà, 's e rudeigin a thoir daoine còmhla, a chruthaicheas misneachd, agus a bheir sealladh ùr seachad air dè ghabhas tachairt agus dè mar a dheargas gnothaichean a bhith nas seasmhaiche na tha iad an-dràsta," thuirt e.