Troimhe-chèile?

Càite a bheil an SNP a' seasamh air ionnsaighean adhair ann an Siria?

An-dè bha sin furasta a mhìneachadh.

Aig Ceistean a' Phrìomhaire, dh'iarr ceannard na buidhne nàiseantaich aig Westminster, Aonghas Robasdan air Dàibhidh Camshron rùn a shireadh aig na Dùthchanan Aonaichte air thoiseach air gnìomh armaichte ann an Siria.

Thuirt Mgr Camshron gum b' fheàrr leis nam biodh taic bhon UN ach gur e an rud a bu chudromaiche gum biodh gnìomh sam bith laghail agus gun cuireadh e dìon air daoine an seo anns an Rìoghachd Aonaichte.

An uair sin chaidh Mgr Robasdan na b' fhaide.

An gealladh am prìomhaire gum faigheadh e rùn nan Dùthchanan Aonaichte air thoiseach air gnìomh armaichte?

Bhèato

Thug Mgr Robasdan iomradh air cunntas-bheachd a thuirt gun robh 52% de dhaoine ag iarraidh taic airson oidhirp armaichte bhon UN, agus dìreach 15% a' cur taic ri ionnsaighean 'neo-eisimeileach' leis an Rìoghachd Aonaichte fhèin.

Fhreagair am prìomhaire air an aon dòigh, ag ràdh nach robh e ceart bhèato a thoirt do na Ruiseanaich air gnìomhan a dh'fhaodadh muinntir Bhreatainn a chumail sàbhailte.

Cha robh aonta sam bith eadar am prìomhaire agus Mgr Robasdan, ach bha seasamh an dà thaobh soilleir gu leòr.

Cha do mhair sin fada.

Ann an agallamh a' comharrachadh bliadhna o chaidh i na prìomh mhinistear, dh'innis Nicola Sturgeon do Ghlenn Caimbeul bhon BhBC gun robh i deònach èisteachd ri argamaid a' phrìomhaire air ionnsaighean adhair.

Gu dearbh, às dèidh na ceannairc ann am Paris, thuirt am prìomh mhinistear nach bitheadh e ciallach ach èisteachd a thoirt do Mhgr Camshron.

Brìgh

Ach a bheil rùn nan Dùthchanan Aonaichte deatamach don SNP no nach eil?

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh, chaidh Nicola Sturgeon a cheasnachadh leis na ceannardan dùbhlanach mun chliù aice air an rudan a tha fo smachd - leigheas aillse, cùram cloinne agus deuchainnean sgoile.

Ach bha cothrom agam a' cheist a chur ri labhraiche a' phrìomh mhinisteir aig coinneimh le luchd-naidheachd às a dhèidh.

Thuirt e gun robh blas seach brìgh anns an diofar eadar Mgr Robasdan agus Ms Sturgeon.

An uair sin dh'fhaighnich mi an robh suidheachadh ann far an toireadh an SNP taic do ghnìomhan armaichte ann an Siria gun taic o na Dùthchanan Aonaichte.

Cha do fhreagair e a' cheist taobh seach taobh.

Deatamach?

Ach eadar Ceistean a' Phrìomh Mhinistear agus coinneamh an luchd-naidheachd bha Ailig Salmond - a bruidhneas don SNP a-nis air cùisean cèin aig Westminster - air agallamh a dhèanamh le Anndra Neil, far an do dh'innis e dha gun robh rùn nan Dùthchanan Aonaichte deatamach mus toireadh an SNP taic do ghnìomh armaichte.

Tha beachd an SNP air seo a' cunntadh.

Is e a-nis an treas pàrtaidh as motha ann an Taigh nan Cumantan, agus le mòr-chuid gu math caol aig Dàibhidh Camshron - agus Comataidh Thaghta nan Cùisean Cèin, air a bheil mòr-chuid Thòraidheach, a' togail theagamhan mu ionnsaighean adhair air Siria - dh'fhaodadh seasamh an SNP diofar mòr a dhèanamh.

Ach fhad 's a tha mi a' sgrìobhadh, chan eil e builleach soilleir dè an seasamh a tha aca.

Chan ann tric nach bi urracha mòra an SNP air an aon ràmh mu rudeigin cho cudromach.

Ach sin far a bheil sinn an-dràsta.